Cobhair air sreapadair an Gleann Comhann

Chaidh cobhair ospadaila thoirt do shreapadair a thuit 70tr ann an Gleann Comhann.

Bha am boireannach air Druim Choire a' Ghabhail le buidhinn de shreapadairean eile feasgar Diluain nuair a thuit i.

Thuirt na Poilis gun deach buill de Sgioba Teasairginn Bheanntan Ghlinne Chomhann chun na làraich a dhèanamh cobhair oirre, 's ga toirt a dh'àite far an gabhadh a togail le heileacoptair nam Maor-Cladaich, agus an uair sin gu carbad-eiridinn.