Ceangal Inbhir Ùige is Klaksvik
- Air fhoillseachadh

'S e Klaksvik an dàrna baile as motha anns na h-Eileanan Fàrach.
Tha mèar an dàrna bhaile as motha anns na h-Eileanan Fàrach airson coinneachadh ri comhairlichean air Ghàidhealtachd ann an oidhirp ceanglaichean eadar an dà sgìre a chumail.
Tha Klaksvik agus Inbhr Ùige air a bhith le ceangal foirmeil eatarra fad còrr air 20 bliadhna.
Ach ri linn draghan mu shealg mhucan-màra a tha ga dhèanamh leis na Fàraich, tha cuid de chomhairlichean na Gàidhealtachd airson an ceangal sin a ghearradh.
Thèid am moladh sin a dheasbad le comairlichean Diciadain.
Tha sealg nam mucan-mara - no an "grind" mar a th' aig na Fàraich air - ga fhaicinn mar phàirt bhunaideach de chultar na dùthcha, agus an fheòil ga roinn eadar na h-eileanaich an-asgaidh.