Barrachd a dhìth on BhBC

MG ALBA

Feumaidh am BBC na tha iad a' dèanamh de phrògraman Gàidhlig a dhùblachadh, aig a' char as lugha, am beachd àrd-oifigeir MG ALBA, 'son co-ionnanachd fhaighinn leis a' Chuimris.

Choinnich Dòmhnall Caimbeul an t-seachdain seo le ceannard a' BhBC ann an Alba, Coinneach MacGuaire, agus Àrd-Stiùiriche a' BhBC, Tony Hall, 'son chòmhraidhean air mar a ghabhas an sianail Gàidhlig agus craoladh sa chànan leasachadh.

"Bha e a' faicinn a' chothrom, tha mise a' smaointinn, cur ris an t-seirbheis," thuirt Mgr Caimbeul.

"Oir bhruidhinn sinn mu dheidhinn nam beàrnan agus nan uireasbhaidhean a th' ann air clàr BhBC ALBA.

Barrachd

"Niste, chan eil naidheachdan deireadh-seachdaine againn, chan eil mòran dràma - ged a tha dràma fìor mhath air an t-sianail, agus dh'aithnich e fhèin sin.

"Chan eil na h-uiread de phrògraman cloinne, 's de phrògraman comadaidh agus ionnsachaidh 's a bu chòir a bhith air airson sianail a tha na sheirbheis phoblaich.

"An rud a tha sinn ag iarraidh mar phrionnsabal, 's e gum biodh cothromachadh ann eadar na tha am BBC a' dèanamh de phrògraman airson na seirbheis Cuimris, agus airson na seirbheis Gàidhlig.

"Tha sin reusanta gu leòr nam bheachdsa, agus am beachd na buidhne, agus tha sin comasach dhan BhBC a dhèanamh, ma tha miann is rùn ann sin a dhèanamh.

"Saoilidh mi gu bheil dòchas ann a thaobh sin.

"Fhuair sinn fìor dheagh èisteachd bho Mhgr Hall, agus a cho-obraichean a bha còmhla ris.

"Bha ùidh aige san t-sianail, bha e follaiseach gun robh e air a bhith a' coimhead nam prògraman, agus bha meas mòr aige air cuid de na prògraman.

"Bhruidhinn e mu dheidhinn an rùin a bh' aige fhèin airson barrachd dhiubh fhaicinn air an lìonra nas fharsainne taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte gus am biodh barrachd dhaoine gam faicinn," thuirt e.

Bha Mgr Caimbeul cuideachd ag iarraidh gun dèanadh am BBC barrachd airson craoladh sa Ghàidhlig.

"Tha sinn a' ciallachadh, leis a' BhBC a bhith a' dèanamh barrachd, gum faod agus gum bu chòir am BBC a bhith a' dèanamh a thaobh phrògraman airson BBC ALBA, na tha iad a' dèanamh a thaobh phrògraman airson an t-sianail Chuimris S4C," thuirt e.

"Gum biodh cothromachadh an sin. 'S e sin deich uairean gach seachdain dhan dà shianal.

"An-dràsta chan eil am BBC a' dèanamh 's a' pàigheadh airson ach ceithir uairean gu leth de phrògraman Gàidhlig airson BBC ALBA gach seachdain.

"Nam biodh dùblachadh agus seachad air sin airson BBC ALBA, bhiodh sin reusanta agus comasach," thuirt e.