Iomairt 'son Seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Seann Àrd-Eaglais Inbhir NisTùs an deilbh, Kenneth Allen/Geograph

Chaidh iomairt a chur air bhonn airson an eaglais as sine ann an Inbhir Nis a shàbhaladh.

Tha coithional Sheann Àrd-Eaglais a' bhaile ag ràdh gu bheil e cus dhaibhsan an togalach eachdraidheil a chumail suas leotha fhèin, agus chaidh Càirdean na Seann Eaglaise a stèidheachadh gu h-oifigeil aig coinneimh sa bhaile oidhche Mhàirt.

Tha iad ag iarraidh taic na coimhearsnachd anns an fharsaingeachd airson ciad eaglais Inbhir Nis a chumail a' dol, chan ann a-mhàin airson adhradh, ach mar ionad culturail cuideachd.

'S e an Àrd-Eaglais, a' chiad eaglais paraiste a bha riamh an Inbhir Nis.

Calum Cille

Chaidh a' chuid mhòr den togalach a th' ann an-diugh ath-thogail san 18mh Linn.

Tha eaglais air a bhith air an làraich fada nas fhaide na sin ge-tà.

Thathas a' dèanamh dheth gun robh àite adhraidh air an làraich bho chionn timcheall air 1,500 bliadhna, goirid an dèidh do Chalum Chille tighinn a dh'Inbhir Nis a dh'iompachadh Rìgh nan Cruinneach.

"Tha an togalach seo, coltach ri togalaichean eaglaise eile air feadh a h-Alba, ann an cunnart," thuirt an t-Urr. Peadar Nimmo.

"Feumaidh Eaglais na h-Alba obrachadh còmhla ri Riaghaltas na h-Alba, agus le càch sna coimhearsnachdan againn, feuch gun gabh uallach ionmhasail nan togalaichean eachdraidheil seo a ghiùlain nas fharsainne.

"Cluinnidh sinn mòran mu dheidhinn cho cudromach 's a tha e a bhit ag ath-bheothachadh meadhan a' bhaile againn.

"Thigeadh call air meadhan Inbhir Nis, agus gu dearbha air a' bhaile air fad, mura biodh an eaglais seo ann, no nam fàgte i falamh," thuirt i.

Chan i buidheann chreidimh idir a th' ann an Càirdean na Seann Eaglaise, agus chan e an coithional a-mhàin a tha an sàs ann.

Tha iad ga fhaicinn cudromach daoine bhon taobh a-muigh a thàladh, ged nach biodh ceangal aca ri eaclais sam bith.

"Chan e muinntir na h-eaglaise, ach muinntir a' bhaile agus na h-Alba," thuirt Uilleam Moireasdan, a tha na bhall den bhuidhinn.

"Luchd-turais, daoine eadar-nàiseanta, agus daoine aig a bheil ùidh anns an eaglais a tha seo," thuirt e.

Tha a' bhuidheann an-dòchas gum bi daoine taobh a-muigh na h-eaglaise a' faicinn an togalaich eachdraidheil agus cudromach gu leòr ann fhèin airson a dhol an sàs.