Atharrachadh aiseagan ga fhoillseachadh

MV Coir' Uisg'
Image caption Nochd muinntir Shlèite dragh mun phlana, a tha iadsan ag ràdh a nì cron air an t-seirbheis acasan ri Malaig.

Dh'fhoillsich Caledonian Mac a' Bhriuthainn atharrachaidhean air clàr-ama nan aiseagan aca as t-Samhradh seo.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil an t-atharrachadh a' toirt piseach air cùisean, agus an dèidh dhaibh co-chomhairle a chumail, gu bheil an clàr-ama ùr "a' tighinn nas fhaisge air dùrachdan a' mhòr-chuid de choimhearsnachdan eileanach".

Thuirt Stòras Uibhist, a th' air càineadh a dhèanamh air Cal Mac ri linn mar a tha iad air dèiligeadh ri seirbheisean Uibhist, gu bheil an clàr-ama ùr a' toirt seirbheis nas fheàrr do dh'Uibhist.

Thàinig càineadh ge-tà, air na planaichean airson na seirbheis eadar Malaig is Armadal san Eilean Sgitheanach.

Tha muinntir Shlèite air dragh a thogail le Buill-Phàrlamaid Albannach ionadail mu phlana gus dà shoitheach nas bige - MV Lochinvar agus MV Loch Bhrùsda - a chur an àite MV Coir' Uisg' - a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach airson na slighe sin - a tha ga gluasad gu seirbheis eadar an t-Òban agus Creag an Iubhair ann am Muile as t-Samhradh seo.

Thuirt Cal Mac gu bheil iad a' dèanamh sin ri linn 's gu bheil dùil ri barrachd iarrtais air an t-slighe sin nuair a thèid faraidhean saora RET a chur air slighean eile.

Tha Fòram Còmhdhail Shlèite air a ràdh gu bheil sin cuideachd fìor mu aiseag Armadail, agus nach tèid an t-iarrtas a bharrachd sin a choinneachadh le soithichean nas bige.

Tuilleadh air an sgeulachd seo