County troimhe ann an Cupa na h-Alba

Rafa de Vita Image copyright SNS
Image caption Thàinig an tadhal cudromach le fichead mionaid ri dhol bho Rafa de Vita, a chaidh a thoirt far na beingidh.

Chaidh Ross County troimhe chun na h-ath-chuairt de Chupa na h-Alba oidhche Mhàirt an dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh 1-0 air Dùn Phàrlainn ann an Inbhir Pheofharain.

Thàinig an tadhal cudromach le fichead mionaid ri dhol bho Rafa de Vita, a chaidh a thoirt far na beingidh.

'S e glè bheag de chothroman a bha aig an dà sgioba ann an geama truagh.

Thèid County a-nis an aghaidh Forfar Athletic neo Linlithgow Rose san ath-chuairt.

Cothroman

Thàinig an cothrom as fhèarr do sgioba Dhùn Phàrlainn beagan mhionaidean ron tadhal aig Ross County.

Bha Faissel El-Bahktaoui troimhe an dèidh cluiche math le Mìcheal Moffat, ach chuir e an oidhirp aige dìreach a dh'ionnsaigh fear-glèidhidh Chounty Scott Fox.

Bha Rafa de Vita air a thighinn air aig leth-ùine airson Jonathan Franks, agus chan eil teagamh gun tug e buaidh air a gheama.

Mu mhionaid an dèidh oidhirp El-Bhahktaoui, bha aire air a' cheann eile den phàirc.

Chuir Mìchael Gardyne am ball a-null bhon taobh chlì, a thug an dàrna tadhal den t-seusan gu De Vita.

Beachdan

B' e seo a' chiad turas a chaill Dùn Phàrlainn ann an 14 geamaichean, ach chluich iad glè mhath an aghaidh sgioba a tha dà lìog os an cionn.

Thuirt Manaidsear Ross County Jim Mac an t-Saoir gun robh e dìreach toilichte gun robh iad san ath-chuairt, 's rinn e moladh air sgioba Dhùn Phàrlainn.

An dèidh a' gheama, thuirt Ailean Johnston, manaidsear Dhùn Phàrlainn, gun robh e air a dhòigh le mar a chluich an sgioba aige, agus an cuideam a chuir iad air Ross County.

Gheibh Ross County a-mach Dimàirt an iad Forfar Athletic neo Linlithgow Rose a bhios a' dèanamh air Inbhir Pheofharain san ath-chuairt.