Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Comhairle Mhoireibh

Tha Comhairle Mhoireibh a' moladh a' chìs chomhairle aca a chur suas cho mòr ri 18% air an ath-bhliadhna ionmhais. Ma thèid iad air adhart le sin 's iad a' chiad ùghdarras ionadail ann an Alba a bhristeas casg a chuir Riaghltas na h-Alba an sàs ann an 2007. Bidh comhairlichean a' deasbad na cùise a-rithist air an ath-mhìos, ged a chuireadh Riaghaltas na h-Alba càin orra nan cuireadh iad àrdachadh an sàs.

GDP

Thainig fàs gu math beag air eaconamaidh na h-Alba eadar an t-Iuchar agus an t-Sultain an-uiridh nuair a bha toradh GDP na dùthcha suas 0.1%. Dh'fhàg sin leudachadh 1.7% air toradh na dùthcha air a' bhliadhna-ionmhais air fad. Ach tha sin nas lugha na bha fàs eaconamach air feadh na Rìoghachd Aonaichte gu lèir, ged a tha e a' ciallachadh fàs trì bliadhna an dèidh a chèile ann an eaconamaidh na h-Alba.

Ioran

Thug Ioran saorsa do dheichnear maraiche Aimeireaganach. Thuirt an Riaghaltas an Tehran gun do dh'iarr na Stàitean Aonaichte leisgeul airson na thachair nuair a chaidh dà bhàta le Cabhlach nan Stàitean Aonaichte gun chead dha na h-uisgeachan acasan anns a' Ghulf.

Staid an Aonaidh

Chuir an Ceann-Suidhe Obama dìon làidir air a dhìleab fhèin mar cheann-suidhe agus air cor nan Stàitean Aonaichte na òraid mu dheireadh air staid an aonaidh. Thuirt e gun tàinig na Stàitean Aonaichte tron èiginn eaconamach as miosa bho chionn ghinealaich agus gu bheil soirbheachas romhpa ma ghabhas iad ri atharrachadh.

Gòrdan Ros

Chaochail duine ciorramach a bha a' strì airson cead laghail a bheatha fhèin a thoirt gu ceann. Bha Parkinsons am measg nan trioblaidean slàinte a bha air Gòrdan Ros à Glaschu a chaochail anns an ospadal sa mhadainn an-diugh. Thog esan cùis aig Cuirt an t-Seisein ag iarraidh mìneachaidh air lagh na h-Alba a thaobh euthanasia. Cha tàinig freagairt fhathast bho Chuirt an t-Seisein air a' chùis sin.

Colaiste Choatbridge

Thuirt rannsachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba gur e seann phrionnsapal Cholaiste Choatbridge a bu choireach gun deach airgead mòr a thoirt do luchd-obrach a bha a' fàgail an dreuchd aig a' cholaiste. Thuirt Comataidh nan Cunntasan Poblach gun do chaill John Doyle smachd air an t-suidheachadh agus dh'iarr iad air cuideachd na h-uimhir den airgead a fhuair e fhèin, nuair a dh'fhàg e a dhreuchd, a phàigheadh air ais. Chaidh aithisg na comataidh a thoirt dha na poilis.

Sainsbury's

Dh'innis an dàrna sreath bhùithdean-bìdhe as motha ann am Breatainn, Sainsbury's, gun tàinig lùghdachadh 0.4% air na reic iad de stuth air na trì mìosan mu dheireadh an-uiridh, seach na reic iad aig an aon àm ann an 2014. Tha sin a' toirt cunntas cuideachd air àm na Nollaig. Bha na figearan nas fheàrr ge-tà na bha dùil a bhiodh iad.