Gearain an aghaidh tuath-ghaoithe ga tharraing

  • Air fhoillseachadh
turbine

Tharraing a' bhuidheann NATS an gearain a bha aca an aghaidh tuath-ghaoithe chun an iar air baile Steòrnabhaigh.

'S iad a' chompanaidh Lewis Windpower a th' air cùlaibh an leasachaidh.

Bha Buidheann-Iùil Chatharra nan Itealain (NATS) draghail mun bhuaidh a bhiodh air an uidheamachd acasan faisg air Port-Adhair Steòrnabhaigh.

Tha iad a-nis air dearbhadh ge-tà, gu bheil iad air freagairt fhaighinn dhan uallach a bha orra.

Planaichean

Tha Lewis Windpower airson tuath-gaoithe a steidheachadh anns am biodh suas ri 36 crainn uile gu lèir chun an iar air baile Steòrnabhaigh.

Bha uimhir de dhragh air a' bhuidhinn NATS mun bhuaidh a bhiodh aig an leasachadh air a' chrann-rèidio aca ann am Plasterfield agus gun robh iad a' beachdachadh a ghluasad dhan Tiompan san Rubha.

Ach an dèidh tuilleadh sgrùdaidh tha iad air dèanamh a-mach nach bi aca ris a' chrann a ghluasad tuilleadh.

Deagh naidheachd

Thuirt Ross Cuming a tha na stiùiriche air a' phròiseict do Lewis Windpower, gun robh e toilichte gun deach fuasgladh a lòrg.

"Chan e a-mhàin gur e deagh naidheachd a tha seo do Thuath-Ghaoithe Steòrnbhaigh, ach tha e cuideachd a' ciallachadh nach bi goireasan ùra gan togail aig an Tiompan, rud a bhios na dheagh naidheachd dhan coimhearsnachd," thuirt e.

Chaidh a' choinneamh phoblach mu a bhith a' togail crainn ùir san Rubha, agus a bha còir a bhith ann Diardaoin, a chur dheth ri linn.