Buille do Chataibh ach fàilte air Dùn Omhain

Ball is caman

Cha bhi sgioba Chataibh a' cluich ann an lìogaichean na h-iomain am-bliadhna.

Tha an cluba aig tuath air a bhith a' dèanamh adhartais anns na bliadhnaichean mu dheireadh is bha iad ag amas air ceum a ghabhail suas gu Lìog Tuath 2 'son a' chiad uair.

Cha tachair sin a-nise is mì-chinnt a' cuairteachadh na pàirce aca aig Viewfirth an Inbhir Theòrsa.

Chaidh cead-dealbhachaidh iarraidh 'son ionad spòrs ùr le talla spòrs is raon lùth-chleasachd.

'S e Viewforth an aon phàirc spòrs san sgìre a tha mòr gu leòr 'son iomain.

Tha an cluba an dòchas gun tèid an t-iarrtas a dhiùltadh, ach tha a' mhì-chinnt a' fàgail nach feuch iad air an lìog am-bliadhna.

Inbhir Nis

Bidh iad a' cluich ann am farpaisean chupa ge-tà, is dùil aca pàirc timcheall air Inbhir Nis a chleachdadh.

Feumaidh Cataibh fuasgladh maireannach air choireigin a lorg ma tha iad 'son cluich san lìog an 2017.

Thàinig naidheachd nas fheàrr à deas is Dùn Omhain gus cluich ann an Lìog Deas 2 'son a' chiad uair.

Ged a tha iomain làidir air an dùthaich timcheall air Dùn Omhain, cha robh cluba sa bhaile fad bhliadhnaichean.

Tha ìomhaigh a' gheama sa bhaile air fàs ge-tà, is Caol Bhòid air taic fhaighinn bho mhuinntir an àite.

Chaidh Camanachd Dhùn Omhain a stèidheachadh ann an 2015 is tha iad a-nise làidir gu leòr 'son feuchainn air an lìog.

Dòchas

Bidh dòchas ann dhaibh is Òban Latharna air crìochnachadh sa 5mh àite an Lìog Deas 2 an 2015, a' chiad sheusan aca san fharpais.

Ann an naidheachdan eile, dh'innis Gleann Urchaidh is Baile a' Chaolais nach bi aca ach 1 sgioba le chèile am-bliadhna.

Chluich na dàrna sgiobaidhean aca an Lìog Deas 2 an-uiridh.

Tha dùil gun tèid clàr gheamaichean 2016 fhoillseachadh aig deireadh na mìos.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile