Boyce ag amas air geama Celtic
- Air fhoillseachadh

Liam Boyce agus a dhuais.
Thuirt Liam Boyce aig Ross County gu bheil e ag amas air a bhith fut 'son a' gheama aca an aghaidh Celtic ann an Cupa na Lìge.
Chaidh Boyce ainmeachadh Diciadain mar chluicheadair na mìos sa Phrìomh Lìog.
Chan eil e air cluich am-bliadhna, ge-tà, às dèidh dha a ghàirdean a ghoirteachadh.
Chuir e 17 tadhal bho thoiseach an t-seusain.
Cupa na Lìge
Cluichidh County an aghaidh Celtic san Iar-Chuairt Dheireannaich de Chupa na Lìge air an 31mh den Fhaoilleach.
"Fhuair mu x-ray an-diugh is thuirt iad gun toir e eadar cola-deug is ceithir seachdainnean", thuirt Boyce.
"Tha mi ag amas air geama Celtic, 's e geama mòr a th' ann.
"Tha mi an dòchas gur e cola-deug a bhios ann, 's dòcha gum b'urrainn dhomh cluich le plèastar nas lugha", thuirt Boyce.