Gearraidhean £5m air an comharrachadh

Oifis Comhairle nan Eilean Siar

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' sireadh bheachd air gearraidhean luach £5m thar an dà bhliadhna a tha romhainn.

Thèid co-chomhairle a dhèanamh air na molaidhean an ath-sheachdain.

Tha mu 30 moladh ann, nam measg a bhith a' gearradh dhreuchdan thidsearan a bhios a' siubhal eadar bhun-sgoiltean a' teagaisg chuspairean leithid ciùil agus PE.

Mhol comhairlichean £500,000 a thoirt far bhuidseit nan rathaidean agus tha iad ag iarraidh gun tèid coimhead a-rithist ri seirbheisean bhusaichean an ùghdarrais.

Uile gu lèir feumaidh a' Chomhairle £8.5m a shàbhaladh sa bhliadhna-ionmhais 2016/17.

Tha iad air £6.3m a chomharrachadh mar thà.

Seo iad a-nis a' lorg sàbhalaidhean de £2.2m

Ged nach eil e dearbhte fhathast, tha a' Chomhairle a' dèanamh dheth gum bi aca ri gearraidhean luach £2.8m a dhèanamh sa bhliadhna-ionmhais 2017/18.

Tha seo an dèidh dhaibh còrr is £20m a ghearradh thar nan còig bliadhna mu dheireadh.

Tha uallach air a' Chomhairle cuideachd mu chùram sòisealta.

Chan eil fhios fhathast dè an t-suim a thig bho Riaghaltas na h-Alba airson sin, agus le sin chan eil e soilleir dè na gearraidhean a dh'fheumas a bhith air an dèanamh san roinn sin.

Thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gu bheil dùbhlain mun coinneimh.

"Tha e a' fàs nas duilghe agus nas duilghe gearraidhean a lorg nach eil a' toirt buaidh mhòir air coimhearsnachdan agus air seirbheisean sa choimhearsnachd agus 's e sin an dùbhlan a tha romhainn agus 's e sin as coireach gu bheil sinn ag iarraidh a-rithist a dhol a-mach gu co-comhairleachadh agus conaltradh leis na coimhearsnachdan mu dheidhinn nan rudan a tha sinn ag amas air," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Beachdan

Chuir Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, ìmpidh air daoine a dhol gu na coinneamhan poblach far am bi cothrom aca beachd a thoirt air na roghainnean a tha mu choinneimh na Comhairle.

"Tha sinn deònach deasbad a chumail mu rud sam bith co-cheangailte ri buidseat an ùghdarrais.

"Mura h-urrainn do dhaoine a dhol gu na coinneamhan gheibh iad fiosrachadh air an làraich-lìn againn, agus bi cothrom ann cuideachd ceistean a chur oirnn air Facebook seachdain Dihaoine.

"Tha roghainnean duilich air thoiseach oirnn agus tha sinn an dòchas gum bi fiosrachadh aig na coimhearsnachdan againn agus gum bi iad an sàs sa ghnothach," thuirt Mgr Caimbeul.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu bhuidseat na Comhairle air làrach-lìn an ùghdarrais.