Aithisg AAIB mu dhà thubaist-adhair

Màiread Anna agus Dàibhidh Rous Image copyright Other
Image caption Bhàsaich Màiread Anna agus Dàibhidh Rous 's iad a' sgèith à Dùn Dè gu Tiriodh.

Dh'fhoillsich Buidheann Rannsachaidh nan Tubaistean-Adhair, an AAIB, aithisgean air dà thubaist phlèana mhairbhteach a thachair an-uiridh.

Bhuail aon itealan, a bha a' dèanamh air Tiriodh, cliathaich beinne ann an Earra-Ghàidheal, agus thàinig an t-itealan eile sìos 's i a' dèanamh air Port-adhair Dhùn Dè.

Bha an Dotair Màiread Anna Rous, à Tiriodh bho thùs, agus an duine aice Dàibhidh, a' sgèith dhan eilean ann am plèana prìobhaideach 's iad a' dol a thadhal air teaghlach Màiread nuair a thachair an tubaist air 4mh an Giblean an-uiridh.

A rèir an fhianais a th' ann, tha an luchd-rannsachaidh a' dèanamh dheth gun deach am plèana, aig nach robh ach aona einnsean, ann an cliathaich beinne faisg air Loch Èite, an dèidh dhan phìleat smachd a chall air a' phlèana.

Dh'fhaodadh diofar adhbharan a bhith ann airson sin leithid, deigh air a' phlèana, sgòthan, neo am pìleat a bhith mì-chinnteach mu far an robh iad.

Image copyright Poilis Alba
Image caption Chaochail Iain MacFhionghain agus Anndra MacThòmais san tubaist faisg air Port-adhair Dhùn Dè.

San tubaist eile, a thachair sa Chèitean, chaill Iain MacFhionghain, fear-gnothachais à Siorrachd Rois agus Anndra MacThòmais, a bha roimhe na phìleat aig Highland Airways, am beatha.

Thuirt an luchd-rannsachaidh gun robh a h-uile coltas ann gun deach mearachd-iùil a dhèanamh.

An dèidh sgèith gu deas à Inbhir Nis, thuirt an AAIB gun do thòisich iad a' tèarnadh ro luath 's iad a' dèanamh air Port-adhair Dhùn Dè agus gur e sin a thug orra bualadh san talamh.

Tha luchd-stùiridh a' phuirt-adhair, HIAL, air an siostam sàbhailteachd a leasachadh ri linn na thachair.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile