Dragh mu phlana a' chìs chomhairle àrdachadh

Prìomh Shràd Eilginn Image copyright Geograph/Richard Slessor

Thuirt fear de chomhairlichean Mhoireibh, Dùghlas Ross, gu bheil e den bheachd nach cuir a' chuid as motha de chomhairlichean taic ri planaichean ceannas an ùghdarrais a' chìs chomhairle a chur suas aig an ath-choinneimh mun bhuidseat air an ath-mhìos.

Thuirt ceannard na Comhairle, Stiùbhart Cree, Diciadain gun robh a' Chomhairle a' beachdachadh air a' chìs àrdachadh 18%.

Bhiodh sin a' ciallachadh gum biodh aig daoine aig a bheil taigh ann am Bann D ri mu £200 a bharrachd a phàigheadh sa bhliadhna.

Ma thèid iad air adhart le sin 's iad a' chiad ùghdarras ionadail ann an Alba a bhriseas casg air àrdachadh sa chìs a chuir Riaghltas na h-Alba an sàs ann an 2007.

Chuireadh Riaghaltas na h-Alba càin orra airson a bhith a' briseadh a' chaisg.

Cìsean ionadail

Thuirt Mgr Ross, a tha an dùil seasamh mar thagraiche Tòraidheach ann an roinn taghaidh Mhoireibh ann an taghadh Pàrlamaid na h-Alba am-bliadhna, agus a tha na iar-chathraiche air a' phàrtaidh Albannach, gun do dh'fhailich air ceannas an ùghdarrais ionadail bruidhinn ris na buill air fad mun chùis.

Tha Mgr Ross ag ràdh nach eil e a' cur taic ris a' phlana air dòigh sam bith agus gum bi aig a' bhuidhinn riaghalaidh neo-eisimeilich/Thòraidhich ri taic bhall Thòraidheach a tha taobh a-muigh na buidhne, leithid fhèin, agus bhall Nàiseantach agus Làbarach fhaighinn 'son a chur troimhe.

Thuirt ceannard buidheann an SNP aig a' Chomhairle, an Comh. Gary Coull, gu bheil e ro thràth a bhith a' beachdachadh air a' chìs chomhairle a chur suas leis gu bheil deasbad a' dol air adhart ann an Holyrood mu a bhith ag atharrachadh chìsean ionadail.

"Tha Riaghaltas na h-Alba agus COSLA fhathast an sàs ann an còmhraidhean.

"Feumar cuimhneachadh gu bheil an casg air a bhith ag àrdachadh na cìs comhairle thar na h-ochd bliadhna mu dheireadh air a bhith pàighte leis an riaghaltas," thuirt Mgr Coull.