Suaicheantas ChNES
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Beachdan gan trusadh air gearraidhean

14 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar beachdan a thrusadh air seirbheisean a dh'fhaodar a ghearradh, 's aca ri £5m not a shàbhaladh thar an dà bhliadhna ionmhas ri thighinn.

Nithear co-chomhairleachadh poblach air sreath de mholaidhean, nam measg a bhith a' cur às do dhreuchdan thidsearan a bhios a' siubhal sa sgìre a' teagasg chuspairean leithid ciùil agus PE.

Bha Dòmhnall MacLaomain aig a' choinneimh.