Inbhe dhà-chànanach do Ghaillimh

Gaillimh Image copyright Geograph / Dennis Turner

Thèid inbhe bhaile dhà-chànanaich a bhuileachadh air Gaillimh ann an Èirinn sa Mhàirt.

Tha an ceum na phàirt de dh'oidhirp Ghaillimh air duais Prìomh Bhaile a' Chultair san Roinn Eòrpa a ghlèidheadh an 2020.

Sheall cunntas-sluaigh 2011 an Èirinn gu bheil comas sa Ghaeilge aig 45% de mhuinntir a' bhaile.

'S e sin an àireamh nas àirde a th' ann am bailtean mòra na h-Èireann.

Am measg nan rudan a dh'fhaodadh tachairt fon inbhe ùir, 's e gum biodh taigheadas ga thogail gu sònraichte dha luchd-labhairt na Gaeilge.

"Feumaidh Gaeilge a bhith na pàirt de bheatha làitheil is cultar a' bhaile", thuirt an comhairliche, Pearce Flannery.

Cridhe

"Tha i aig cridhe ar cultair, cò th' annainn, is tha e fìor mhath gu bheil sinn ga comharrachadh", thuirt e.

Thog comhairlichean eile air buannachdan eaconamach na cànain, agus cho cudromach 's a dh'fhaodadh i a bhith a thaobh an tiotail Eòrpaich.

Chuala comhairle a' bhaile gu bheil luach €136m sa Ghaeilge dha eaconamaidh Ghaillimh gach bliadhna.

"Feumaidh sinn sealltainn dha daoine cho sònraichte 's a tha Gaeilge dhan bhaile", thuirt an Comh. Iggy Ó Muircheartaigh.

"Chan eil dad mar sin aig gin de na bailtean eile a tha a' sireadh duais Prìomh Bhaile a' Chultair.

"Tha cothrom fìor mhath againn an seo adhartas a dhèanamh a thaobh Ghaeilge ann an Gaillimh", thuirt e.

Teagamh

Thog feadhainn eile teagamh ge-tà, mu dè dha-rìribh a thig às an inbhe ùir.

Tha Dónall Ó Braonáin ag obair aig Ollscoil Náisiúnta na hÉireann Gaillimh.

Tha e fhèin den bheachd gur e ìomhaigh na cànain as motha a gheibh togail às.

"Chì sinn dha-rìribh dè a' bhuaidh a bhios ann", thuirt Mgr Ó Braonáin.

"S dòcha gu bheil e cudromach dha inbhe phoblach na cànain agus gum bi brosnachadh ann dhan fheadhainn a tha a' cleachdadh seirbheisean poblach sa bhaile.

"Rud mar seo, tha misneachadh sam bith cudromach. Mar sin, tha e math adhartas fhaicinn", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile