Slaic croitearachd air Riaghaltas na h-Alba

  • Air fhoillseachadh
Croitearachd

The Coimisean na Croitearachd air dubh-chàineadh a dhèanamh air Riaghaltas na h-Alba airson cho beag de dh'iomradh 's a thug iad air croitearachd ann an aithisg ùir a thathas an dochas a bhios na bhun-stèidh air obair àiteachais san àm ri teachd.

Thairis air 22 dhuilleig tha an Riaghaltas a' mìneachadh mar a tha iad airson cùisean a stiùireadh, ach 's gann gu bheil croitearachd a' tighinn a-steach air a' ghnothach.

Nuair a tha croitearachd ga ainmeachadh 's ann a-thaobh a bhith a' cumail sluaigh ann an sgìrean iomallach.

Thuirt an Coimisean nach b' urrainn dhaibh, mar a' bhuidhinn air a bheil uallach airson croitearachd a bhrosnachadh, gun aire a thoirt don uireasbhaidh san aithisg.

"Spèis do dh'Iomadachd"

"Tha Coimisean na Croitearachd den bheachd nach e dìreach siostam àiteachais eadar-dhealaichte a th' ann an croitearachd," thuirt an Coimisean ann am freagairt fhada don aithisg.

"Tha iad den bheachd gu bheil Croitearachd cuideachd cudromach gu sòisealta, gu h-eaconamach, agus cuideachd a thaobh na h-àrainneachd agus cultair, ach 's e àiteachas fhathast a th' aig a cridhe.

"Ged is e siostam cleachdaidh fearainn aig ìre bhunaidich, gun a bhith trom air an fhearann as motha a th' ann, 's e àiteachas cridhe na croitearachd.

"'S ann air an adhbhar sin a tha an Coimisean mì-thoilichte leis mar a chaidh a fàgail às an aithisg seo cha-mhòr gu tur."

Thuirt an Coimisean cuideachd gun robh croitearachd fad iomadh bliadhna a' coileanadh mòran de na prìomh amasan a bh' air an cur sìos san aithisg, leithid biadh aig àrd-ìre a chruthachadh agus a bhith a' dìon na h-àrainneachd, agus nach robh àiteachas mòr air a bheil an aithisg ag amas.

Thuirt iad cuideachd gu bheil pàirt cudromach aig croitearachd ann an gnìomhachas an àiteachais, ri linn na chuireas croitearan de bheathaichean òga ris an t-siostam sin airson an reamhrachadh.

Thuirt iad gun robh iad "gu math an-fhoiseil" mun dòigh sa bheil an Riaghaltas a' coimhead air àiteachas sa aithisg seo, agus gu bheil an dòigh sin a' putadh croitearachd, "a tha na pàirt gu math cudromach de dh'àiteachas, a' comharrachadh cha-mhòr 30% de dh'fhearann na h-Alba, an dàrna taobh.

"Mholamaid san àm ri teachd gun toireadh àiteachas na h-Alba spèis do dh'iomadachd agus don a h-uile pàirt a tha ga dhèanamh suas, gun a bhith a' dùnadh duine a-mach," thuirt an Coimisean.