Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Jakarta

Thuirt an Riaghaltas ann an Indonèisia gur iad ceannaircich Ioslamach a thug ionnsaigh air a' phrìomh bhaile Jakarta. Bha sreath de spreadhaidhean mòra ann agus ionnsaigh ghunna. Thuirt Ministear Tèarainteachd na dùthcha gun deach co-dhiù dithis a mharbhadh anns an ionnsaigh air bùthainnean anns a' bhaile.

Tata

Thàinig buidheann air adhart aig a bheil ùidh ann an ionadan stàilinn Tata ann an Siorrachd Lannraig, far an do sguir an obair an-uiridh le call còrr is 260 cosnadh. Dh'innis a' chompanaidh stàilinn eadar-nàiseanta Liberty House dhan BhBC gu bheil iad a' beachdachadh air na factaraidhean ann an Dalziel agus Clydebridge a cheannach.

Gearraidhean ChnES

Thèid beachd an t-sluaigh iarraidh air plana ghearraidhean Chomhairle nan Eilean Siar. Tha an t-ùghdarras ag amas air £2.2m de ghearraidhean anns a' bhuidseat airson 2016/17, agu tha iad a' moladh, am measg rudan eile, stad a chur air tidsearan a bhios a' siubhal eadar sgoiltean a' teagaisg PE, ealain agus ceòl. Thèid beachdachadh cuideachd air taighean-beaga poblach a dhùnadh, agus barrachd ùine fhàgail eadar togail nam binichean sgudail.

Poilis Lunnainn

Gheibh ceudan de phoilis armaichte Lunnainn an tuilleadh trèanaidh mu choinneimh cunnairt bho cheannairc sa bhaile. Thèid còrr is 600 oifigeach Metropolitan fo thrèanadh às ùr airson gunna a ghiùlain a bharrachd air a' chòrr is 2,000 oifigeach aig a bheil cead-gunna mar thà.

An t-Aonadh Eòrpach

Thuirt Ceannard Thaigh nan Cumantan, Chris Grayling, gu bheil e deònach taic a chur ris an iomairt airson an Rìoghachd Aonaichte a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach. Dh'innis Mgr Grayling dhan Daily Telegraph gum biodh e fìor dhona do Bhreatainn fuireach anns an AE fo na cùmhnantan a th' ann an-dràsta.

Tesco

Chaidh suas ri 7% ri luach nan earrainnean aig Tesco bhon tàinig figearan nas fheàrr na bha dùil aig àm na Nollaige. Ged a bha ùghdachadh 1.5% ann anns na trì mìosan ron Dùbhlachd, thuirt Tesco gun do rinn iad nas fheàrr aig àm na Nollaige na rinn iad ann an 2014.