Cha tig Stokes gu tuath

  • Air fhoillseachadh
Anthony StokesTùs an deilbh, SNS

Dhearbh manaidsear Chaley Thistle, Iain Hughes, nach gluais Anthony Stokes a dh'Inbhir Nis.

Bha Hughes air innse roimhe gun robh e 'son Stokes a thoirt à Celtic air iasad.

Cha do chluich Stokes ach aon gheama lìge do Celtic air an t-seusan seo.

Chaidh a chasg leis a' chluba fad cola-deug san Dùbhlachd às dèidh ghearain air Twitter mu dhìth chothroman.

Tweet

Sgaoil Stokes an tweet nuair a chaidh fhàgail a-mach às an sguad 'son geama ann an Inbhir Nis.

Shoirbhich le Stokes fo stiùir Hughes roimhe aig an Eaglais Bhric is aig Hibs.

Chan obraich iad còmhla aig Caley Thistle, ge-tà.

"Tha sinn a' guidhe gach soirbheachas dha", thuirt Hughes.

Gluasad

"Feumaidh sinn gluasad air adhart ach ag innse na fìrinn, bha sinn a' dèanamh sin bho chionn 3 no 4 làithean.

"Thuig sinn, a' coimhead air a' chùis, nach robh e 'son tighinn gu Inbhir Nis.

"S e caraid dhomh a th' ann fhathast.

"Feumaidh gu bheil e gu math fut. Fhuair mi teachdaireachd bhuaithe bho chionn ceithir làithean ag ràdh gum fònadh e às dèidh trèanadh.

Trèanadh

"Feumaidh gun robh e a' trèanadh 'son nan ceithir làithean mu dheireadh", thuirt e.

Ràinig Dundee United aonta le Celtic a thaobh Stokes a ghabhail air iasad.

Thuirt am manaidsear, Mix Paatelainen, ge-tà, nach iad United as coltaiche Stokes fhaighinn.

Thathas a' tuigsinn gu bheil còmhraidhean a' leantainn eadar Stokes is Hibs.