Taic air iarraidh son buaidh sgìrean MPA

  • Air fhoillseachadh
Iasgach

Dh'iarr Rhoda Ghrannd, a tha na ball pàrlamaid Làbarach ann an sgìre na Gàidhealtachd agus nan Eilean, gun toireadh Riaghaltas na h-Alba airgead diolaidh do dh'iasgairean a dh'fhulaingeas ri linn sgìrean glèidhte mara a thèid a stèidheachadh far chladaichean na h-Alba.

Tha an riaghaltas ag iarraidh lionra de 30 sgìrean glèidhte MPA a stèidheachadh.

Chuir cuid de dh'iasgairean chlèibh agus daibhearan chreachainn fàilte air na bacaidhean air dreidseadh.

Ach tha mòran iasgairean air an taobh siar a tha feargach mu na molaidhean, agus ag ràdh gun toir iad fìor dhroch bhuaidh air a' ghnìomhachas aca.

Tha iad ag ràdh gun do chleachd an riaghaltas fiosrachadh ceàrr nuair a bha iad a' dèanamh measadh air buaidh nan sgìrean MPA.

Aig àm nan ceistean ann am Pàrlamaid na h-Alba dh'iarr Rhona Ghrannd air Rùnaire na h-Àrainneachd, Ridseard Lochhead, èisteachd ri na draghan air th' aig coimhearsnachdan iasgaich.

Thuirt i gu robh uallach orra gun tòir na sgìrean glèidhte seo a' bhuaidh as motha air a' ghnìomhachas a chunnaicear thar na ficheadan bliadhnachan.

Dh'iarr i gun deidheadh airgead dìolaidh iomchaidh a thoirt do luchd-obrach aig mùir agus air tìr a chailleas an cosnadh ri linn nan riaghailtean ùra.

Co-chomhairle

Thuirt Mgr Lochhead, gu robh iomadh roinn taobh a-staigh gnìomhachas an iasgaich agus gu robh cuid dhen bheachd gu robh na bacaidhean ro chruaidh agus gu robh cuid eile dhen bheachd nach robh na bacaidhean a' dol fada gu leòr.

Thuirt e gu robh e air èisteachd ri draghan dhaoine agus gur e sin a dh'fhàg iad a' dèanamh co-chomhairle mhòr thar iomadh mìos.

Chuir an riaghaltas sgeama trì bliadhna luach £500,000 air dòigh, thuirt e, airson measadh a dhèanamh air an àrainneachd agus gum biodh cothrom aig iasgairean a dhol an sàs ann an sin.

Thuirt e cuideachd gun deidheadh sgrùdadh a dhèanamh air a' bhuaidh eaconamach a bhiodh aig na sgìrean glèidhte.