Lacasdal ag amas air Cupa Eilein an Fhraoich

Nis agus an Taobh Siar
Image caption Nis agus an Taobh Siar an Cupa Eilein an Fhraoich an 2015.

Coinnichidh Comataidh Chupa Eilein an Fhraoich gus atharrachaidhean dhan fharpais a dheasbad.

Aig mullach a' chlàir, bidh tagradh à Lacasdal 'son cluiche san fharpais am-bliadhna.

Dh'fheumadh aonta a bhith ann air crìochan na sgìre, is riaghailtean sònraichte ann 'son Chupa Eilean an Fhraoich.

Dh'fheuch Lacasdal mar thà ann an 2008 is 2009 ach chaidh an diùltadh.

Nas fheàrr

Tha e coltach ge-tà, gu bheil cothrom nas fheàrr aca a-nise.

"Tha mi a' smaoineachadh an turas seo gu bheil beagan a bharrachd air an cùlaibh", thuirt Cathraiche Comataidh Chupa Eilein an Fhraoich, Coinneach MacLeòid.

"Nochd iad aig a' choinneimh bhliadhnail gun fhiosrachadh sam bith.

"Bha iad a' smaoineachadh gun robh iad dìreach a' dol a dh'fhaighinn a-steach dhan fharpais.

Ullachadh

"Chaidh a chantainn riutha nach robh iad air ullachadh sam bith a dhèanamh, cha b' urrainn dhaibh innse càite an robh na crìochan.

"Tha iad air ullachadh a dhèanamh an turas seo.

"S e rud eile a th' ann am faigh iad a-steach, am bi na sgiobaidhean eile deònach an leigeil a-steach", thuirt e.

A bharrachd air tagradh Lacasdail, thèid coimhead cuideachd ri riaghailt a thaobh chluicheadairean aig nach eil ceangal teaghlaich ri sgìre.

Cothrom

Bha cothrom aca sin fad bhliadhnaichean cluiche do sgioba san fharpais ma bha iad a' fuireach san sgìre sin fad 6 mìosan.

Chaidh an ùine sin a leudachadh gu bliadhna ann an 2009.

Tha moladh ann a-nise a thilleadh air ais gu 6 mìosan.

Bidh a' choinneamh ann an Taigh-Òsta a' Chounty ann an Steòrnabhagh Diardaoin an 21mh den mhìos aig 7:00f.