Dragh mu thaigh-spadaidh Steòrnabhaigh

Caora agus uain

Tha iomagain gum faodadh taigh-spadaidh Steòrnabhaigh dùnadh.

Nochd am moladh ann an liosta de ghearraidhean a dh'fhaodadh Comhairle nan Eilean Siar a chur an sàs agus iad a' feuchainn ris a' bhuidseat aca a chothromachadh.

Tha mòran chroitearan is eile den bheachd gum biodh e na chall mòr dha-rìribh nan dùineadh an taigh-spadaidh, le cuid ag ràdh gum faodadh e cur às do chroitearachd ann an Leòdhas.

Aig coinneimh den Chomhairle Diciadain dh'aontaich buill beachdan a' phobaill a shireadh air mu 30 moladh agus iad a' feuchainn ri £5m a shàbhaladh thar an dà bhliadhna-ionmhais ri teachd.

Am measg na tha air a mholadh tha a bhith a' cur às do dhreuchdan thidsearan a bhios a' siubhal eadar sgoiltean, leithid thidsearan ciùil agus PE, a bhith a' gearradh air ais air na tha iad a' cosg air rathaidean agus a bhith a' coimhead a-rithist air seirbheisean bhusaichean an ùghdarrais.

Sàbhalaidhean

Mhol oifigearan ath-sgrùdadh a dhèanamh air obair an taigh-spadaidh ann an 2016/17.

Am measg sin dheadh an goireas fhosgladh dhà neo thrì sheachdainnean nas anmoiche air an t-seasain agus dheadh na prìsean spadaidh a chur suas.

Shàbhaileadh sin £10,000.

Tha iad a' moladh an taigh-spadaidh a dhùnadh ann an 2017/18, ag ràdh gun sàbhaladh sin £30,000 dhan chomhairle.

Dheadh trì cosnaidhean làn-ùine a chall ri linn.

Tha oifigearan a' toirt rabhaidh gum faodadh seo croitearan a bhrosnachadh beathaichean a mharbhadh aig an taigh agus gum faodadh cuid an lagh a bhriseadh a thaobh an dòigh a tha iad a' dèiligeadh ris an sgudal.

Tha iad cuideachd ag ràdh gum faodadh e droch bhuaidh a thoirt air croitearachd san fharsaingeachd leis gum feumadh barrachd chroitearan an cuid bheathaichean a chur gu Tìr-Mòr airson a bhith air an spadadh.

Mar dhòigh air seo a sheachnadh chuir oifigearan beachd air adhart gum b' urrainn dhan Chomhairle coimhead ri co-bhanntachd a stèidheachadh le bùidsearan, tuathanaich agus riochdairean coimhearsnachd ionadail airson an taigh-spadaidh a ruith.

Cosgais

Tha an Comh. Dòmhnall "Cudig" MacLeòid iomagaineach mun mholadh.

"Tha e ceart gu leòr a bhith a' marbhadh caora aig an taigh, chan eil sin cho dona, ach nuair a dh'fheumas tu tòiseachadh a' marbhadh bheathaichean agus gum feumadh tu a bhith a' falbh gu Tìr-Mòr leotha, tha sin a' dol a chur cosgais mhòr air daoine.

"Bidh a' chosgais uimhir agus nach fhiach dhut a bhith ris agus dh'fheumadh tu cur às dhan rud a tha thu a' dèanamh airson cha bhiodh e prothaideach dhut.

"Chan eil ann an seo ach aon taigh-spadaidh anns an eilean.

"Tha rudan eile ann air feadh an eilein, ghabhadh rud beag a ghearradh dhiubh," thuirt Mgr MacLeòid.

Thèid beachdachadh air a seo agus air molaidhean eile airson airgead a shàbhaladh aig coinneamhan poblach an ath-sheachdain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo