Hospice le earrannan an Caley Thistle

  • Air fhoillseachadh
Manadsair Chaley Thistle Inbhir Nis, Iain Hughes
Fo-thiotal an deilbh,
Tha cothrom aig daoine earrannan a cheannach ann an Caley Thistle Inbhir Nis agus taic a thoirt do Hospice na Gàidhealtachd aig an aon àm.

Chaidh faisg air a' chòigeamh cuid de earrannan Chaledonian Thistle Inbhir Nis a thoirt do bhuidhean chathrannas Ghàidhealach.

Ach tha Hospice na Gàidhealtachd ag ràdh nach eil càil a dhùil aca àite a ghabhail air bòrd a' chluba.

An àite sin tha iad an dùil na h-earrannan a chuir air a' mhargaidh airson airgead fhaighinn agus iad a' togail goireas ùr ann an Inbhir Nis.

Chan eil Hospice na Gàidhealtachd ag innse cò a thug dhaibh na h-earrannan.

Cha chanadh iad càil ach gun d'thug teaghlach gnothachais Gàidhealach còrr is leth mhillean earrann dhaibh - 19% de earrannan a' chluba.

Tha luach not anns gach earrann agus bi an t-airgead na chuideachadh mòr san iomairt aonad luach £7.3m a thogail.

Cothrom math

Thuirt iar-chathraiche na dachaigh-cùraim, Tormod Dòmhnallach, nach eil iad a' dol a chleachdadh nan earrannan airson gnothach a ghabhail sa chluba.

Thuirt e gu robh Iain Hughes a' dèanamh obair fìor mhath mar mhanadsair air an sgioba, gu robh Coinneach Camshron a' soirbheachadh mar chathraiche, agus gur e cùram deireadh beatha anns an robh Hospice na Gàidhealtachd an sàs.

Le sin thèid na h-earrannan a reic.

Tha an cathrannas ag ràdh gur e cothrom fìor mhath a tha seo dha daoine a tha airson taic a thoirt dhan aonad ùr aca agus airgead a chuir a-steach dhan chluba bhall-coise ionadail aig an aon àm.

Tha mu £900,000 a dhìth air a' bhuidhein airson an aonaid ùir, a tha iad an dòchas a dh'fhosglas san Damhair.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh