Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ofgem

Chuir an duine a tha os cionn riaghladair a' chumhachd, Ofgem, as leth na companaidhean mòra cumhachd gu bheil iad a' cur prìs ro àrd air gas agus dealan do luchd-cleachdaidh. Thuirt Dermot Nolan, gu bheil na prìsean a tha companaidhean a' pàigheadh air gas agus dealan air tuiteam cha mhòr an treas cuid sa bhliadhna gu leth mu dheireadh, agus tha e ag ràdh gun robh còir aig na prìsean a tha luchd-cleachdaidh a' pàigheadh a dhol sìos cuideachd. Thuirt fear-labhairt bho ENERGY UK a tha a' riochdachadh nan companaidhean mora, gum bu chòir do daoine a bhith a' gluasad eadar chompanaidhean - ma tha iad airson lùghdachadh fhaighinn anns na prìsean aca.

Muillinn Chàrlabhaigh

Dh'fhaodadh gun tèid Muilinn Chlò Chàrlabhaigh ann an Leòdhas ann an rianachd - mura faigh iad airgead ùr dhan chompanaidh ro Dhiluain sa tighinn. Ged a tha òrdughan gu leòr aig a' chompanaidh chaidh innse dhan seachd duine fichead a tha a' faighinn cosnadh sa mhuilinn gu bheil na cosgaisean a th' orra air dhol suas gu mòr, agus gu bheil a' phrìs a gheibhear air a' chlò mhòr aca - air dhol sìos.

Am Morar Janner

Chaidh innse nach tèid cùis lagha a' chumail a-nis, mu na chasaidean de dhrabastachd chloinne an aghaidh a' Mhorair Janner. Chaochail am Morar Làbarach san Dùbhlachd agus bha cùirt air riaghladh nach b'urrainn a thoirt gu lagh air na casaidean seach nach robh e gu math. Bha còir fìrinn na cùise fheuchainn air beulaibh diùraidh fhathast, ach thuirt breitheamh an-diugh nach biodh sin a' tachairt idir.

EU

Thuirt Ceann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jean Claude Juncker, gu bheil e gu math cinnteach gun tèid aonta a ruighinn eadar Daibhidh Camshron agus ceannardan eile an Aonaidh Eòrpaich a thaobh mar a tha e airson atharrachadh thoirt air càirdeas Bhreatainn leis an Aonadh Eòrpach. Thuirt Mgr Juncker gun robh e misneachail gum biodh fuasgladh maireannach air fhaighinn air a' chùis aig àrd-choinneamh air an ath mhìos.

Àrasaig

Chaidh stad a chur air iomairt gus lorg fhaighinn air fear a tha a dhìth aig muir ann an sgìre Àrasaig. Chaidh fhaicinn mu dheireadh a' fàgail na traghad an sin ann an caidheag Diciadain, ach cha deach sgeul fhaighinn air le rannsachadh air tìr, aig muir neo bhon adhar. Chaidh fios a chur air a' theaghlach.

Caley Thistle Inbhir Nis

Chaidh cha mhòr an còigeamh cuid de earrannan Caley Thistle Inbhirnis a' thoirt do bhuidheann chathrannais mar thiodhlaic. Thug teaghlach na h-earrannan anns a bheil luach naoi deug sa cheud dhen chlub do Hospice na Gàidhealtachd. Chan eil iad an dùil àite a ghabhal air bòrd-stiùiridh Chaley Thistle, ach tha iad airson na h-earrannan a reic airson airgead a thogail a thèid a chosg air togalach ùr dhaibh ann am baile Inbhir Nis.