Muilinn Chàrlabhaigh ann an trioblaid
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun tèid Muileann Chlò Chàrlabhaigh ann an Leòdhas ann an rianachd mura tèid airgead às ùr a chur dhan chompanaidh ro Dhiluain seo tighinn.
Tha 27 duine a' faighinn cosnaidh sa mhuilinn, 's chaidh innse dhaibh gu bheil na cosgaisean a th' orra air a dhol suas gu mòr, agus gu bheil lùghdachadh air a bhith sa phrìs a gheibhear air a' chlò aca, ged a tha am pailteas òrdughan aca.
Thuirt iad gu bheil na cosgaisean a th' orra air a dhol an-àirde timcheall air an treas cuid, fhad 's a thuit prìs a' chlò 10%.
Tha companaidh ga sireadh a cheannaicheas a' mhuilinn.
Tha a' mhuilinn air a bhith air a' mhargaidh bho chionn trì mìosan, agus thathas a' tuigsinn gu bheileas ag iarraidh eadar £1m agus £1.5m oirre.
Chan eil duine air tighinn air adhart fhathast.
Bha còmhraidhean a' dol bho chionn bliadhna eadar Muilinn Chàrlabhaigh agus Muilinn Shiaboist mu bhith a' ceannach na muilne, ach cha do dh'èirich dad às na còmhraidhean a bha sin.
Thuirt Muilinn Shiaboist nach robh iadsan airson càil a ràdh aig an ìre seo.