Iomairt theasairginn ga stad

Heileacoptair

Chaidh stad a chur air iomairt gus lorg fhaighinn air fear a tha a dhìth aig muir ann an sgìre Àrasaig.

Chaidh fhaicinn mu dheireadh a' fàgail na traghad an sin sa chaidheig aige Diciadain, ach cha deach sgeul fhaighinn air le rannsachadh air tìr, aig muir agus bhon adhair.

Dh'innis na maoir-chladaich Diardaoin gun deach rabhadh a thoirt dha gun robh an aimsir ro chunnartach 's nach bu chòir dha a dhol a-mach.

Ged a bha a' mhuir fhèin caran ciùin Diciadain, bha sgalan-gaoithe nan trioblaid, agus bhruidhinn fear-poilis, a tha cuideachd na bhall de sgioba bhàta-teasairginn, gun robh e ro chunnartach.

Bha an càr aige fhathast ann madainn Diardaoin, agus chaidh iomairt theasairginn a chur air dòigh.

Tha an iomairt sin a-nis air stad.

Chaidh fios a chur air a theaghlach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo