MV Hebrides ga h-iarraidh air ais

MV Hebrides

Thuirt comhairliche Uibhisteach gum feum piseach tighinn air an t-seirbheis aiseig eadar Loch nam Madadh, Ùige agus an Tairbeart.

Thuirt Uisdean Robasdan gun robh an t-seirbheis a tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' toirt seachad "uabhasach".

Thuirt e gun tàinig uimhir de throimhe-chèile air an t-seirbheis air a' Gheamhradh seo, fiù 's ged nach robh an aimsir air a bhith ro dhona, 's gu bheil i na cùis nàire.

Tha Mgr Robasdan ag ràdh gu bheil seo a' toirt droch bhuaidh air eaconamaidh Uibhist a Tuath agus na Hearadh.

Bàtaichean-iasgaich

Thuirt e nach fhulaing muinntir na sgìre an ìre seo de sheirbheis tuilleadh.

"Tha sinn air an t-uabhas a chluinnteil o chionn cola-deug o dh'fhalbh an Hebrides," thuirt Mgr Robasdan.

"Tha duilgheadas mòr mar a tha fhios aig a h-uile duine air na geamhraidhean a chaidh seachad cuideachd nuair a thathar a' toirt oirre falbh.

"'S e am Finlaggan a bh' againn an uair sin, agus an turas seo, leis an ùpraid a bh' ann an-uiridh mu dheidhinn, gheall iad an dà aiseag a bha seo dhuinn, an Isle of Arran 's Hebridean Isles, agus clàr-ama air a leudachadh a-mach cuideachd.

"Ach tha gnothaichean air a bhith nas miosa bho thàinig an dà aiseag sin air an t-slighe, agus thugadh aonan dhiubh air falbh airson seachdain co-dhiù.

"B' àbhaist do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn a bhith nas fheàrr air fiosrachadh a chur a-mach.

"An turas seo tha duilgheadasan mòra air a bhith ann a thaobh fiosrachadh dòigheil a thoirt don luchd-siubhail, luchd-gnothachais, gnìomhachasan 's mar sin.

"Tha daoine air a bhith air an glacadh an Ùige, 's atharrachaidhean a' tighinn suas aig a' mhionaid mu dheireadh.

"Agus mar sin tha cus a bharrachd ghearainnean air a bhith ann an turas seo na bh' ann air na geamhraidhean a chaidh seachad," thuirt e.

Tha Mgr Robasdan air na gearainnean a chur gu Cal Mac, ach tha e ag ràdh nach eil e air cluinntinn air ais bhuapa.

"Chan eil Cal Mac gam fhreagairt-sa ann," thuirt e.

"Sin an duilgheadas a th' ann.

MV Hebrides

"Tha mi air a bhith ag obair tro Stiùiriche Teicnigeach na Comhairle fhèin, agus tha esan air na ceistean a bh' agam a chur air adhart.

"'S chuir sinn air adhart clàr-ama dha na h-aiseagan airson cuideachadh a thoirt do Chal Mac an dèidh bruidhinn ri daoine sa choimhearsnachd a tha eòlach air cuspairean mar sin.

"Aig a' mhionaid mu dheireadh fhuair sinn seòrsa freagairt nach robh sinn toilichte leis. Tha an-còmhnaidh gnothach na sìde a' tighinn suas.

"Ach aig an aon àm, feadhainn de na làithean a bha na h-aiseagan air an ceangal suas, o chionn seachdain air ais sheòl na h-eathraichean à Griomsaigh a-null chun an Eilein Sgitheanaich, agus bha an aiseag ceangailte an Loch nam Madadh.

"An t-seachdain seo fhèin bha i ceangailte air an Tairbeart, agus bha bàtaichean a tha ag iasgach às na Hearadh ag iasgach a-muigh.

"Mar sin, tha e doirbh do dhaoine a chreidsinn gur e cuspairean a thaobh sìde a th' ann fad an t-siubhail.

"Tha litir làidir a' falbh bhon Chomhairle fhèin a' mìneachadh nan draghan a th' air na coimhearsnachdan, air luchd-gnothachais, gu Còmhdhail na h-Alba.

"Bhithinn an dòchas gun èist iad, agus gun dèan iad rud mu dheidhinn san aithghearrachd.

"Tha sinn ag iarraidh an Hebrides air ais cho luath 's a ghabhas e dèanamh," thuirt e.