Beachd g'eil taic ann son cìs nas àrda

Suaicheantas Comhairle na Gàidhealtachd

Beachdaichidh Comhairle na Gàidhealtachd an ath-sheachdain air toradh rannsachaidh a tha a' dèanamh dheth gun cuireadh a' mhòr cuid de dhaoine taic ri àrdachadh sa chìs chomhairle.

Tha an t-ùghdarras ionadail a' cleachdadh buidhean ris an canar "panal a' phobaill" airson beachdan dhaoine air planaichean buidseit na comhairle a thomhais.

Tha beachdan còrr is 2300 duine ga thional.

Anns an rannsachadh mu dheireadh a chaidh a dhèanamh thuirt faisg air 62% duine gun cuireadh iad taic ri àrdachadh de 5% sa chìs chomhairle.

Ach chuir an aon àireamh an aghaidh àrdachadh de 10%.

Coinnichidh an làn-chomhairle Diardaoin an ath-sheachain agus thèid iarraidh air buill beachd a thoirt air an sgrùdadh.

Gearaidhean

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dèanamh dheth gum bi £36.5m nas lugha aca ri chosg san ath bhliadhn' ionmhais, a' ciallachadh gu bheil aca ri sàbhalaidhean mòra a chuir an sàs.

Am measg na tha air a mholadh tha a bhith a' giorrachadh na seachdain sgoile aig cuid a sgoilearan agus a bhith a' cur daoine às an dreuchan gu saor-thoileach.

Mhol ceannas Comhairle Mhoireibh mur tha àrdachadh de 18% anns a' chìs chomhairle.

Ma nì iad sin chan fhaigh iad an t-airgead a tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith a' toirt do dh'ùghdarrasan iondail airson a bhith a' cumail na cìs aig an aon ìre.

Tha an casg air a bhith ag àrdachadh na cìs comhairle air a bhith an sàs bho 2007.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile