Cosgais sgoil Phort Rìgh ag èirigh

Plana son Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd

Bidh Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh £1.5m nas daoire a thogail na bhathas an dùil agus bidh i còrr 's trì mìosan air dheireadh, a rèir Comhairle na Gàidhealtachd.

Thèid innse do Chomataidh an Fhoghlaim Diciadain gu bheil cosgais na sgoile air èirigh bho £9.2m gu £10.7m agus gu bheil am pròiseact a-nis 13 seachdainnean air dheireadh.

Tha aithisg le Ceannard Ghoireasan Roinn na Gàidhealtachd, Brian Porter, ag innse gu bheil ùidh aig dà chompanaidh sa chùmhnant.

A rèir nan companaidhean tha mar a tha cosgaisean stuth-togail ag èirigh agus cho iomallach 's a tha an t-Eilean Sgitheanach a' fàgail nach tèid aca air am pròiseact a dhèanamh taobh a-staigh na h-ùine agus a' bhuidseat a chaidh a chur mu seach.

Mhol Mgr Porter nach deadh an cùmhnant a chur a mach gu tairgse a-rithist.

Na bheachdsan chuireadh sin ri cosgais a' phròiseict agus bhiodh tuilleadh dàil ann.

Thig an t-suim airgid a bharrachd, £1.5m, bhon stòras airson sgoiltean a chàradh.