Dithis shreapadairean air an ainmeachadh

  • Air fhoillseachadh
Stob Coire nam BeitheTùs an deilbh, Sìm McElroy

Dh'ainmich na poilis an dithis fhireannach a bhàsaich 's iad a sreap ann an Gleann Comhann.

Bha Joe Mac a' Ghobhainn, aois 23 bliadhna, à Lancashire bho thùs, ach a' fuireach ann an Ceann Loch Lìobhainn.

Bha e na bhall de Bhuidhinn Teasairginn Beinne Ghleann Comhainn.

Bha Sìm MacDhaibhidh, aois 34, à sgìre Dhùn Èideann.

Chaidh an dithis a lorg le dithis shreapadairean eile aig Stob Coire nam Beithe feasgar Disathairne.

Thug sgioba san robh buill de Bhuidhinn Teasairginn Beinne Ghleann Chomhainn agus na poilis na cuirp far na beinne.

Thuirt ceannard buidheann theasairginn nam beann, Andaidh Nelson, nach robh comharran ann gun robh maoim-sneachda air a bhith ann.

Tha Mgr Nelson ag ràdh gun robh ròp a' ceangal an dithis agus gur dòcha gun robh iad a' sreap nuair a thachair an tubaist.

Bha uidheamachd fhreagarrach aca agus bha iad eòlach air a bhith a' sreap.

Thèid aithisg gu Neach-casaid a' Chrùin.