Pumpaichean connaidh an Loch Baghasdail
- Air fhoillseachadh

Tha gàirdeachas ga dhèanamh an Loch Baghasdail agus peatral agus diesel ri fhaighinn a-rithist sa bhaile, bhon t-seachdain-sa.
Bha Loch Baghasdail còrr 's bliadhna às aonais na seirbheis.
Bha dragh air cuid gu robh nas lugha dhaoine a' tadhal air a' bhaile air sàileabh seo.
Thar an dusan mìos mu dheireadh tha daoine air a bhith a' dol a Bheinn nam Fadhla airson connadh fhaighinn agus na pumpaichean aig Stèisean Connaidh Taobh na Beinne briste.
Cha robh seo mì-ghoireasach do mhuinntir na sgìre a mhàin, ach do ghnìomhachasan cuideachd.
Tha Alasdair Mac a' Phiocair ag obair ann an garaids mu 200 slat bhon stèisean connaidh agus bi e na fhaochadh mòr dhaibh gu bheil connaidh gu bhith ri fhaighinn a-rithist.
"Tha e doirbh dhuinne mar a tha e an-dràsta.
"Ma tha sinn a' cur càr sìos a Bheinn nam Fadhla feumaidh sinn a lìonadh shìos an sin agus feumaidh na daoine a lìonadh air ais, 'son chan urrainn dhuinne connadh fhaighinn a bhos an seo nuair a dh'fheumas sinn e.
"Ni e cuideachadh mòr, mòr dhuinne bhos an seo anns a' gharaid ann an seo," thuirt Mgr Mac a' Phiocair.
Taic
An àite an t-seann uidheamachd a chàradh roghnaich an stèisean connaidh pumpaichean gu tur ùr, a ghabhadh a chleachdadh ceithir uairean fichead sa latha, a chuir an sàs.
Thuirt manadsair oifis an stèisein chonnaidh, Morag Anna NicAmhlaigh, gu robh e mar amas aca sin a dhèanamh an ceann ùine co dhiù.
"Cha b'fhioch dhuinn pìosan a cheannach airson na seann pumpaichean a chàradh.
"Thug e ùine a h-uile càil a chuir an sàs, ach tha iad ann an seo a-nis.
"Se connadh aon de na rudan a tha a' toirt daoine a-steach a Bheinn nam Fadhla agus ma tha iad ann an seo, 's dòcha gun tèid iad gu oifis a' phuist, neo gu na bùitean shìos air a' chidhe, neo fiùs dhan taigh-òsta neo dhan bhanca," thuirt i.
Fhuair a' chompanaidh tabhartas de £10,000 bhon mhaoin choimhearsnachd aig Stòras Uibhist airson an uidheamachd ùr a chuir an sàs.
Tha dùil gum fosgail na pumpaichean ùr aig toiseach na seachdain-sa.