Serco ann an Slèite

Aiseag Armadail

Bidh riochdairean na companaidh Serco ann an Slèite Diluain ag innse do mhuinntir an àite mar a ruitheadh iad seirbheis aiseig Mhalaig is Armadail nam faigheadh iad cùmhnant aiseagan a' chosta an iar.

Tha mì-thoileachas air a bhith anns an sgìre le Cal Mac bho chionn ghoirid.

Ach am biodh Serco càil na b' fheàrr?

"Tha sinn a' sùileachadh gun cluinn sinn bhuapa dè tha fa-near dhaibh ma 's iad a bhuanaicheas an cùmhnant a tha seo," thuirt Cathraiche Fòram Còmhdhail Shlèite, Ruairidh Moireach.

"Agus dè seòrsa seirbheis ris am biodh dùil againn anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

"Tha an cùmhnant a tha seo a' dol a leantainn ochd bliadhna, agus feumaidh sinn rudeigin fhaighinn a-mach mu dhèidhinn dìreach dè tha nan dùil airson sin a chumail a' dol.

"Tha facal mòr, mòr, aig an Riaghaltas a thaobh seo, agus bidh e an-àirde riutha-san, tha mi cinnteach, dè seòrsa seirbheis a bhios againn.

"Ach aig deireadh an là 's e Serco a tha gu bhith gan lìbhrigeadh [ma 's e gur iad a gheibh an cùmhnant], agus mar sin dheth tha e iomchaidh gum bruidhneadh sinne riutha 's gum biodh beachd againn ro làimh air cò ris a bhiodh dùil againn," thuirt e.

Thèid coinneamh phoblach a chumail ann an Seòmar Cruinneachadh an t-Sabhail Mhòir (Àrainn Ostaig) eadar 4:30f agus 7:00f às dèidh do riochdairean gnothachais na sgìre bruidhinn ri Serco tron là.