CnES a' ruith Sgeama nan Oileanach

Comhairle nan Eilean Siar

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' dol a thòiseachadh Sgeama Greis Gnìomhachais iad fhèin do dh'oileanach am-bliadhna.

Togaidh e air an sgeama shoirbheachail a bh' air a ruith le Comann na Gàidhlig.

Bha a' Chomhairle a' faicinn buannachd ann a bhith a' cumail na sgeama a' dol, 's bidh e a-nis ri fhaotainn do bhuidhnean agus oileanaich bho na h-Eileanan an Iar a-mhàin.

"Chan e a-mhàin gu bheil an sgeama a' toirt cosnaidh dha na h-oileanaich, tha e cuideachd a' toirt cothrom dhaibh eòlas a chur air an àite-obrach, na sgilean Gàidhlig aca a leasachadh, eòlas fhaighinn air an t-seòrsa obrach a tha na buidhnean a' dèanamh, agus cuideachd a' toirt cothrom dhaibh seo a dhèanamh anns na coimhearsnachdan fhèin," thuirt an Comh. John A. MacÌomhair.

"A thuilleadh air na buannachdan a tha na h-oileanaich fhèin a' faighinn, tha buannachd às an sgeama dha na buidhnean a tha gam fastadh cuideachd, air sgàth 's gu bheil iad a' faighinn cothrom sealltainn ri oileanaich a tha 's dòcha faisg air ceumnachadh, agus chì iad a bheil iad freagarrach airson obair fhaighinn aca fhèin nuair a bhios iad air ceumnachadh.

"Bu chòir dha oileanaich a tha airson pàirt a ghabhail anns an sgeama iarrtas a chur gu sgioba na Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar - tha sin aig Rathad Shanndabhaig an Steòrnabhagh.

"Dh'fheumadh iad seo a dhèanamh ron 14mh là den Mhàirt.

"Ma tha iad airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn, chan eil aca ach foirmean iarrtais fhaighinn air làrach-lìn na Comhairle.

"Buidheann sam bith a tha airson pàirt a ghabhail an seo, faodaidh iadsan an aon rud a dhèanamh, fios a chur chun na Comhairle," thuirt e.