Mì-chinnt fhathast mu Mhuileann Chàrlabhaigh

Beart
Image caption Tha Muileann Chàrlabhaigh a' cumail cosnaidh ri 27 duine.

Cha tèid Muileann Chlò Chàrlabhaigh ann an Leòdhas ann an làmhan luchd-rianachd gu saor-thoileach a-nis.

Mhaoidh cathraiche na companaidh, Derek Reid, an t-seachdain a chaidh gun cuireadh e a' mhuilinn ann an rianachd saor-thoileach mura faigheadh e taic £250,000 bhon Riaghaltas neo cuideigin a thigeadh a-steach airson a' mhuileann a cheannach.

Thuirt e gun do bhruidhinn e ri Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) agus ris an Riaghaltas Diluain ach gun do dhiùlt iad taic.

Feuchaidh e a-nis, thuirt e, ris a' mhuileann, agus leabhar òrdughan làn, a reic.

Mura tachair sin ge-tà, thuirt e gun deadh a dùnadh.

Tha a' mhuileann a' cumail cosnaidh ri 27 duine.

Muilnean eile

Chan eil aig muileann Chàrlabhaigh ach 6% de mhargaidh a' chlò, agus fhuair iad £418,000 bho HIE anns na deich bliadhna a dh'fhalbh.

Tha an dà mhuilinn eile ann an Leòdhas gu math trang 's iad a' cur a-mach faisg air 1.75m meatar de chlò an uiridh, agus a' cumail cosnaidh ri 400 duine eadar breabadairean agus luchd-obrachd nam muilnean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile