Dragh mun t-subsadaidh
- Air fhoillseachadh

Tha cuid de chroitearan ag ràdh gum bi aca ri beathaichean a reic airson biadh a chumail ris a' chòrr den stoc aca, 's iad fhathast a' feitheamh ris an t-subsadaidh aca.
Tha na mìltean fhathast a' feitheamh ri airgead a' Phàighidh Bhunaitich, a thàinig a-steach an àite na Suime Singilte.
Tha feadhainn eile fhathast a' feitheamh fios dè direach an t-suim airgid a gheibh iad.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air aigead a chur a-mach gu 3,500 croitear agus tuathanach, ach gun d' fhuair iad 19,000 tagradh uile gu lèir.
Cùis uallaich
Thuirt Dòmhnall MacLeòid a tha na chroitear ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich nach eil cinnt sam bith aige cuin a thig an t-airgead.
"Tha e a' ciallachadh gu bheil mise am beachd sia neo seachd laoighean a reic ann an Inbhir Pheofharain - feadhainn a bha mi am beachd a chumail airson a dhol an àite pairt den chrodh a tha a' fàs sean, ach tha eagal orm gum feum mi an reic airson airgead a thoirt a-staigh".
"Nuair nach eil gealladh air subsadaidhean a' tighinn troimhe, tha eagal orm gum feum mi pàirt dheth a reic".
Tha buaidh cuideachd aig an dàil air feadhainn eile a dh'fhaodadh a bhith a' coimhead ri stoc a cheannach.
"Tha teansa gu bheil daoine 's dòcha a bhiodh a' ceannach mun àm seo bhliadhna, a' ceannach tòrr laoighean airson an reamharachadh, chan eil mi a' faicinn ma tha iad fhèin anns an aon staid a' feitheamh ri pàigheadh a thighinn a-staigh, ciamar as urrainn dhaibh an ceannach".
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh Ath-Leasachadh Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais glè dhuilich a chur an gnìomh is gu bheil e na amas aca airgead fhaighinn gu àireamh mhòr de dhaoine cho luath 's a ghabhas.
Thuirt iad gun d' fhuair còrr is 3,500 tuathanach is croitear trì chairteal den Phàigheadh Bhunaiteach is 90% de dh'airgead Greening anns an Dùbhlachd.
Thuirt iad cuideachd gun tèid tuilleadh dhaoine a phàigheadh eadar am Faoilleach is am Màrt is gu bheil iad a' dèanamh an dìcheill an t-airgead seo a sgaoileadh.