Rabhadh mu shreap Gheamhraidh
- Air fhoillseachadh

Dh'iarr Comhairle Sreapdaireachd na h-Alba air daoine a bhith mothachail mu shàbhailteachd ma tha iad a' dol a-mach air na beanntan.
Thàinig seo às dèidh do dhithis shreapadairean bàsachadh aig deireadh na seachdain ann an Gleann Comhann.
Bha iad air tuiteam fhad 's a bha iad a' tilleadh bho Stob Coire nam Beithe a dhìreadh.
Bha Sìm MacDhaibhidh agus Joe Mac a' Ghobhainn gu math eòlach air sreap, leis an uidheamachd cheart, is tha a' bhuidheann Sreap Alba airson is gum bi daoine mothachail air a' chunnart a tha an cois sreap Gheamhraidh do dhuine sam bith.
Bha Joe Mac a' Ghobhainn na bhall de Bhuidhinn Teasairginn Ghlinne Chomhann.
Mhol iad do dhaoine sùil a chumail air seirbheis fiosrachaidh nam maoimtean-sneachda, agus goireasan sàbhailteachd eile, ach thuirt iad gun robh an cunnart ann gun tachradh tubaist, ge b' e dè cho eòlach 's a bha daoine.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 Am Faoilleach 2016