Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sìona

Dh'fhàs an eaconamaidh ann an Sìona aig an ìre as lugha ann an 25 bliadhna an-uiridh, a rèir fhigearan oifigeil ùra. Tha an naidheachd a' cur iomgain air eòlaichean san dùthaich agus gu h-eadar-nàiseanta. Dh'fhàs an dàrna eaconamaidh as motha san t-saoghal 6.9% an-uiridh, a rèir 's mar a bha dùil aig margaidhean ann an Àisia. Tha Sìona a' feuchainn ri gluasad bhon eaconamaidh a bhith stèidhichte uimhir air às-mhalairt.

Referendum an AE

Thuirt Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, nach eil adhbhar sam bith ann nach gabhadh an referendum air àite na Rìoghachd Aonaichte san Aonadh Eòrpach a chumail as t-Samhradh am-bliadhna. Thuirt e gun gabhadh a chumail san Òg-Mhìos. Tha cuid diombach mun sin ge-tà, 's Riaghaltas na h-Alba a' toirt fa-near nach biodh sin ach beagan sheachdainnean às dèidh taghaidhean na h-Alba, 's nach fhàgadh e ùine gu leòr a' chùis a dheasbad mar a bu chòir.

Atmhorachd

Dh'èirich ìre na h-atmhorachd rud beag anns an Dùbhlachd, a rèir àireamhan ùra, chun na-ìre as àirde ann an 11 mhìos. Chaidh an ìre, a rèir Chlàr Phrìsean an Luchd-ceannachd, suas gu 0.2%. Tha sin suas bho 0.1% air a' mhìos rona sin. Tha Oifis Nàiseanta na Staitistig ag ràdh gur e cosgaisean còmhdhail as coireach ris an àrdachadh gu ìre mhòir. Aig a' cheart àm, thuit prìsean bìdhe, deoch làidir agus tombaca.

Leasachadh na Gàidhlig

Tha dragh ann gun tèid cron a dhèanamh air leasachadh na Gàidhlig ma thèid a ceangal ri Nàiseantachd na h-Alba. Thuirt am Ball-Pàrlamaid Albannach Tòraidheach, Ailig Johnstone, gur e "patriotic obsession" a tha sa chànan dhan SNP. Ach, tha luchd-taic a' chànain air a bhith a' cur an cèill gur iad na Tòraidhean 's na Làbaraich aig Westminster agus an Riaghaltas Làbarach/Lib-Deamach an Dùn Èideann as motha a rinn de leasachadh na Gàidhlig.

Muileann Chàrlabhaigh

Thuirt Cathraiche Mhuileann Chlò Chàrlabhaigh ann an Leòdhas, gun tèid feuchainn ris a' chompanaidh a reic, seach a cur ann an rianachd saor-thoileach. Thuirt Derek Reid gu bheil leabhar òrdain na companaidh falain airson grunn mhìosan. Dh'fhailich air a' chompanaidh taic-airgid fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba 's HIE. Tha a' mhuileann a' cumail cosnaidh ri 27 duine.

Taghadh Coitcheann

Tha aithisg mu mar a chaidh na cunntasan beachd cho ceàrr ron taghadh choitcheann am-bliadhna, ag ràdh gun deach cus luchd-taic Làbarach a cheasnachadh. Bha a' mhòr-chuid de na cunntasan, ro oidhche an taghaidh fhèin, a' dèanamh dheth gur e pàrlamaid chroichte a bhiodh ann. Aig a' cheann thall, bha mòr-chuid aig a' Phàrtaidh Thòraidheach.

Iarrtasan dealbhachaidh

Tha Comhairlichean air Comataidh Dealbhachaidh a Deas Chomhairle na Gàidhealtachd a' beachdachadh an-diugh air sreath de dh'iarrtasan leasachaidh mòra ann an Inbhir Nis. Nam measg tha plana Urras Aonad Hercules airson trì taighean bìdhe ùra aig Pàirce Bhùithdean Inbhir Nis, air rathad Inbhir Narann. Tha cuideachd plana aig Taighean Tulloch's airson 60 taigh air làrach an t-seann amair-snàimh air Rathad a' Ghlìob fan comhair; flàtaichean oileanach air Sràid an Ròsaich, agus tuath-gaoithe Thom nan Clach air mòinteach an Damh-Ath.