49 molaidhean air Bile an Fhearainn
- Air fhoillseachadh

Cuiridh Riaghaltas na h-Alba 49 molaidhean air adhart airson Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn a neartachadh.
Sin `as dèidh càinidh nach robh am bile "radaigeach" gu leòr.
Chuir Nicola Sturgeon Bile Ath-leasachadh an Fhearainn aig cridhe chlàr-obrach an Riaghaltais nuair a chaidh i na Prìomh Mhinistear.
Ach on uair sin tha an dà chuid Comataidh na Pàrlamaid agus co-labhairt an SNP air am bile a chàineadh.
Ri linn sin, tha na molaidhean ùra ag amas air am bile a dhèanamh nas treasa.
Molaidh iad atharrachadh don dòigh san tèid buill a thaghadh airson Coimisean ùr Ath-leasachaidh an Fhearainn, agus àite nas cudromaiche don Ghàidhlig air a' choimisean.
Tha na leanas am measg na tha sa bhile:
- Innleachd gus toirt air uachdarain fearann a reic ma tha iad a' cur bacadh air leasachadh eaconamach sheasmhach.
- Neartachadh air riaghailtean far nach eil uachdarain a' dèanamh gu leòr gus fèidh a chumail fo smachd.
- Neartachadh air na siostaman a tha a' toirt còir do dhaoine a bhith a' coiseachd air fearann "maith choitchinn".
Am measg nan atharrachaidhean a tha an Riaghaltas a' moladh, tha:
- Co-luadair leis a' phoball a neartachadh
- Atharrachaidhean air an dòigh san deadh daoine ainmeachadh gu Coimisean an Fhearainn
- Àite nas motha aig a' Ghàidhlig air a' Choimisean na bhathas a' sùileachadh.
Thuirt Ministear an Ath-leasachaidh Fhearainn, Aileen NicLeòid gun robh seo na "neartachadh air bile a tha mar thà radaigeach".
"Bheir am bile neartaichte seo atharrachadh air an dàimh eadar muinntir na h-Alba agus am fearann air a bheil sinn a' fuireach, ag obair, agus a' crochadh.
"Mar a tha mi air a ràdh roimhe, tha m' inntinn fosgailte do bheachdan ùra agus molaidhean a thaobh slighe leasachaidh fhearainn na h-Alba, agus cumaidh mi orm ag èisteachd ris an fhianais air fad, a' gabhail beachd air molaidhean sam bith a thig thugam."
Thuirt Ms Aileen NicLeoid gum bu chòir "gach ceum reusanta" a ghabhail, a dhèanamh cinnteach gu bheil a' Ghàidhlig aig co-dhiù aon bhall de Choimisean ùr Ath Leasachaidh an Fhearainn.
Thuirt am ball nàiseantach, Aonghas Dòmhnallach, gum b' fheudar neach le Gàidhlig a bhith air Cùirt an Fhearainn agus Coimisean na Croitearachd mar thà, agus nach robh adhbhar gun an aon rud a dhèanamh leis a' bhuidhinn ùir seo cuideachd.