Marine Harvest a' sireadh làraich fhactaraidh

Iasg

Tha dòchas ann gun tèid 55 cosnadh a chruthachadh air a' chosta an iar is Marine Harvest a' lorg làraich airson factaraidh biadh èisg a thogail.

Feumaidh an làrach, a chosgas £80m, a bhith air a' chosta an iar agus faisg air caladh a leigeas dhaibh na h-eileanan a ruighinn gu furasta.

Dh'aontaich bòrd Marine Harvest factaraidh a thogail an Alba às dèidh mar a shoirbhich le factaraidh den aon sheòrsa ann an Nirribhidh.

Thèid am biadh èisg a chleachdadh airson tuathanasan na companaidh an Alba, Èirinn, Nirribhidh agus na h-Eileanan Fàrach.

Feumaidh ceithir acairean de mheud a bhith anns an làraich ri linn meud na factaraidh.

A thuilleadh air 55 cosnadh san fhactaraidh, bith cuideachd obraichean a bharrachd ann fhad 's a bhios an fhactaraidh ga togail.

Tha Marine Harvest an dòchas gum bi an obair-togail deiseil aig toiseach 2018.