Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cosnadh

Tha cosnadh aig barrachd dhaoine an Alba na riamh roimhe, a rèir nan àireamhan as ùire. Tha 2,631,000 duine ag obair an Alba a rèir nan àireamhan. Tha sin suas 21,000. Tha trì chairteal de mhuinntir na h-Alba ag obair a-nis - an ìre as àirde airson dùthchannan na Rìoghachd air fad. Anns na Rìoghachd san fharsainneachd tha 74% de dhaoine ag obair.

Na Margaidhean

Thàinig crìonadh air margaidhean eaarrainn Lunnainn, agus badan eile den t-saoghal, agus prìs na h-ola fhathast a' tuiteam. Bha Clàr nam Prìomh Cheud Companaidhean sìos còrr air 3% ann am malairt thràth, agus bha an aon sheòrsa suidheachaidh anns a' Ghearmailt agus anns an Fhraing.

Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur 49 atharrachadh air adhart do Bhile Ath-leasachaidh an Fhearainn airson a dhèanamh nas radaigiche, tha iad ag ràdh. Thuirt Buill-Phàrlamaid gun robh am bile mar a bha e feumach air neartachadh, agus thog buill an SNP dragh nach robh e radaigeach gu leòr. Am measg nam molaidhean tha gum bi barrachd àite aig a' Ghàidhlig aig coimisean ùr a dheadh a stèidheachadh.

Pagastan

Tha co-dhiù 19 duine air bàsachadh, agus tha 50 air an leòn às dèidh do ghunnairean ionnsaigh a thoirt air oilthigh ann an iar-thuath Phagastan. Thathas a' tuigsinn gun robh ceathrar ghunnairean an sàs anns an ionnsaigh. Mhair an t-ionnsaigh air Oilthigh Bhacha Khan ann an Charsadda, cha-mhòr trì uairean de thìde.

Loganair

Tha Àrd-Stiùiriche Loganair a' fàgail a dhreuchd leis a' chompanaidh adhair. Thuirt iad gum fuirich Stiùbhart Adams anns an obair chun a' Ghiblein, 's gu bheil iad a-nise a' sireadh àrd-stiùiriche ùir. Tha a' chompanaidh air càineadh làidir fhaighinn bho chionn grunn sheachdainnean mun t-seirbheis aca dha na h-eileanan. Thuirt Mgr Adams gu bheil e a' leigeil dheth a dhreuchd air adhbharan pearsanta.

Tubaist Mhairbhteach

Tha poilis a' sireadh fhianaisichean às dèidh do dh'fhireannach bàsachadh ann an tubaist chàr anns an Eilean Dubh an-raoir. Thachair an tubaist, anns an robh trì charbadan, air an A832 eadar an Todhair agus am Blàr Dubh, timcheall air 5:30f. Bha an duine a bhàsaich a' dràibheadh Mazda 6 ghuirm. Chaidh fear eile ann am Volkswagen Golf a thoirt dhan ospadal. Cha deach duine am broinn a' chàir eile, Toyota Hilux geal, a dhroch leòn.

E.on

Tha a' chompanaidh chumhachd E.on ag ràdh gun geàrr iad na prìsean gas aca 5.1% bho thoiseach na h-ath-mhìos. 'S iad a' chiad de na sia companaidhean mòra a th' air lùghdachadh prìse ainmeachadh.

Siucar

Tha buidheann bhìdhe ùr na h-Alba a' moladh do Riaghaltas na h-Alba planaichean ullachadh airson cìs a chur an sàs air siucar. Tha Buidheann Inbhean Bìdhe na h-Alba ag ràdh gu bheil atharrachadh radaigeach a dhìth airson modhan ithe na dùthcha atharrachadh.