£1.5m a bharrachd do Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air aontachadh £1.5m a bharrachd a chosg air bun-sgoil Ghàidhlig ùr Phort Rìgh.

Chaidh innse do Chomataidh Foghlaim na Comhairle Diciadain gun cosg an sgoil còrr air £10.5m, seach am beagan 's £9m a bha dùil a chosgadh i.

Thig an t-airgead a bharrachd bhon stòras a th' aca airson sgoiltean a chàradh.

Cha do dh'innis Stiùiriche ionnsachaidh 's cùraim na Comhairle cò na sgoiltean a dh'fhaodadh fulang ri linn.