Bho reifreann a dhà gu fear a trì

An do chòrd 2015 riubh?

An e faothachadh a bha ann nach robh reifreann againn, no an robh sibh ag ionndrainn spòrs agus sradagan 2014?

Mas ann anns an dàrna bhuidhinn a tha sibh, na gabh dragh - is coltach nach bi fada agaibh ri feitheamh ro fhear eile.

Aig coinneimh le luchd-naidheachd ann an Dùn Èideann an t-seachdain seo, thuirt Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, gun robh "argamaid làidir" ann bhòt a chumail air ballrachd Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach anns an Òg-mhìos.

Agus an-diugh, ann an agallamh air Good Morning Scotland, thuirt Rùnaire nan Cùisean Cèin, Philip Hammond, gum faodadh reifreann a bhith ann anns an Òg-mhìos.

Coltach ri Mgr Mundell, cha b' urrainn dha càil fhaicinn a chuireadh bacadh air sin.

Draghan

Tha feadhainn eile a' faicinn gu leòr.

Nam measg, tha am prìomh mhinistear, Nicola Sturgeon, a thog draghan mu fhagasachd na h-Òg-mhìos air bhòt eile nach gabh a sheachnadh.

Ged a gheall Dàibhidh Camshron ron taghadh gun deigheadh reifreann Eòrpach a chumail ro dheireadh 2017, bidh an taghadh Albannach anns a' Cheitean as bith dè thachras.

Am beachd Ms Sturgeon - a tha airson taic a chosnadh dhi fhèin mar phrìomh mhinistear as t-Earrach - cha dh'fhàgadh bhòt eile mìos as dèidh an taghaidh ùine gu leòr airson dà dheasbad fa leth a chumail.

Aig a' cheart àm, na beachd-se, bhiodh muinntir na h-Alba a' beachdachadh air cò an riaghaltas a bhiodh aca aig Holyrood airson nan còig bliadhna romhainn, agus air am bu chòir don Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach fhàgail uile gu lèir.

A bharrachd air sin, tha am prìomh mhinistear ag ràdh gum bitheadh e na bu duilghe an argamaid a dhèanamh airson Breatainn a chumail anns an Aonadh nam biodh bhòt tràth ann.

Leasanan

Air cùl dhorsan, ge-tà, tha cuid de mhinistearan Albannach a' creidsinn gur e mearachd a bha ann ùine cho fada fhàgail ron bhòt air neo-eisimeileachd ann an 2014.

Tha Mgr Mundell cuideachd dhen bheachd gu bheil leasanan dhaibhsan bho reifreann na h-Alba agus e ag ràdh gum bu chòir faighinn seachad air a' bhòt cho luath is a ghabhas.

Ach tha sin an crochadh air aonta le dùthchanan eile an Aonaidh Eòrpaich air "càirdeas ùr" leis an Rìoghachd Aonaichte.

Tha a h-uile coltas a-nis gu bheil dùil aig an riaghaltas ri sin aig coinneimh air an ath-mhìos.

An uair sin, thòisicheadh an sabaid a chaidh a chur dheth cho fada mu àite Bhreatainn anns an Roinn Eòrpa.

Agus a rèir dè thachras, dh'fhaodadh treas reifreann - air àite na h-Alba ann an Rìoghachd Aonaichte - a bhith againn ann an ùine nach bi fada idir.