Marine Harvest a' gearradh 100 cosnadh

Bradan Image copyright Thinkstock

Dh'fhoillsich a' chompanaidh àraich èisg, Marine Harvest, gu bheil iad a' dol a ghearradh suas ri 100 cosnadh aig na tuathan-èisg aca ann an Alba.

Tha seo a' tighinn às dèidh mar a thuit na bhios iad a' dèanamh de dh'iasg, agus rabhadh mu na prothaidean aca.

Tha faisg air 700 duine a' faighinn cosnaidh aig cha-mhòr 50 làrach ann an Alba.

'S iad Marine Harvest an tuathanach-èisg as motha san t-saoghal.

Thuirt a' chompanaidh Nirribheach gum fàg na gearraidhean cosnaidh seo an gnothachas aca nas èifeachdaiche agus nas seasmhaiche.

Dh'fhoillsich iad na bu thràithe den mhìos seo gun robh àrd-stiùiriche ùr gu bhith os cionn ghnothaichean aca ann an Alba.

Dh'innis iad Diciadain na seachdain seo gun robh iad a' sireadh làraich airson factaraidh ùir air a' chosta an iar.

Tuilleadh air an sgeulachd seo