Adhartas a dhìth air co-ionnanachd
- Published
Sheall an rannsachadh as doimhne a-riamh mu cho-ionnanachd ann an Alba gu bheil grunn mhion-shluagh fhathast air dheireadh air càch.
A rèir Choimisein na Co-ionnanachd agus nan Còirichean Daonna, tha daoine ciorramach a-nise a' dèanamh nas fheàrr a thaobh foghlaim, ach chan eil luchd-taisteil agus daoine bho sgìrean bochda a' dèanamh adhartais.
Thuirt an coimisean gun deach adhartas a dhèanamh, ach gu bheil fhathast adhbhar iomagain ann an roinnean leithid foghlaim, slainte agus an àite-obrach.
Fhuair an aithisg nach eil clann ann an sgìrean bochda agus coimhearsnachdan luchd-taisteil a' dèanamh cho math ris na co-aoisean aca san sgoil.
Tha e cuideachd nas dualtaiche do bhoireannaich agus daoine ciorramach gun teisteanas sam bith a bhith aca.
A thaobh bochdainn 's iad a-rithist daoine ciorramach a tha nas miosa dheth, còmhla ri mion-shloigh, agus 's e an òigridh a tha a' fulang as motha le dìth chosnaidhean.
Thuirt neach-labhairt airson Riaghaltas na h-Alba gu bheil co-ionnanachd mar bhun-stèidh don phrògram riaghlaidh aca.