Cothrom aig luchd-siubhail air airgead-diolaidh

Plèana Flybe
Image caption A rèir na Comhairle, faodaidh luchd-siubhail adhair airgead-diolaidh iarraidh ma thig dàil de thrì uairean de thìde orra.

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar air luchd-siubhail adhair a bhith mothachail gum faod iad airgead iarraidh air ais ma tha dàil fada air plèana.

Thuirt iad gu bheil còir laghail aig luchd-siubhail air biadh agus deoch airson dàil de dhà uair de thìde.

A rèir na Comhairle faodaidh daoine air an tig dàil dà uair de thìde neo barrachd cuideachd cead iarraidh fòn neo post-dealain a chleachdadh.

Faodaidh iad airgead-diolaidh iarraidh bhon chompanaidh adhair, ma tha dàil ann de bharrachd na trì uairean de thide.

Ma 's ann air sgàth droch shìde a thig dàil air itealan ge-tà, chan eil uallach air companaidhean adhair airgead-diolaidh a phàigheadh.

Ach faodar airgead iarraidh ma tha dàil ann air sgàth thrioblaidean teicnigeach leis an itealan.

Tha còir cuideachd aig luchd-siubhail nan aiseagan air deoch neo biadh ma tha an t-seirbheis aca-san còrr air uair de thìde gu leth air dheireadh, ach a-mhàin ma tha an dàil air sgàth na h-aimsire.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile