Dithis air an dìteadh air chasaidean dhrogaichean

  • Air fhoillseachadh

Chaidh dithis fhireannach a dhìteadh airson cocaine, anns am biodh luach mu £117,000 air an t-sràid, a thoirt a-steach dhan Ghàidhealtachd.

Chaidh Anndra Cairns, 40, à Inbhir Nis, agus Marc Hammersley, 52, à Manchester, a ghlacadh leis na drogaichean nuair a rinn na Poilis rèad air taigh ann an sgìre an Ràthaig Mhòir de dh'Inbhir Nis.

Aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann dh'aidich Hammersley gun tug e an cocaine suas a dh'Alba air a' bhus, agus dh'aidich Cairns gun robh e an sàs ann a bhith a' co-òrdanachadh na h-eucorra.

Chaidh binn còig bliadhna agus trì mìosan a chur air Hammersley agus binn còig bliadhna agus seachd mìosan air Cairns.

Thuirt am britheamh, am Morair Turnbull, gum biodh e air binn seachd bliadhna a chur orra mura b' e gun do dh'aidich iad an ciont.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh