Sàbhalaidhean Chomhairle na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh

Tha 522 de luchd-obrach Chomhairle na Gàidhealtachd air leigeil fhaicinn gum biodh iad deònach an dreuchdan a leigeil dhiubh gu saor-thoileach.

Sgrìobh a' Chomhairle chun an luchd-obrach aca air fad ron Nollaig 's aca ri sàbhalaidhean mòra a dhèanamh.

Tha a' Chomhairle cuideachd a' coimhead Diardaoin ri sgrùdadh bheachd a dh'fhaighnich de chuid de mhuinntir na Gàidhealtachd am bu chòir dhan Chomhairle a' chìs chomhairle àrdachadh, an aghaidh phoileasaidh an Riaghaltais Albannaich.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh