Searbhag dhuilleagach ri min-flùr?

Aran Image copyright Thinkstock

Tha Riaghaltas na h-Alba a' beachdachadh air searbhag dhuilleagach, no folic acid, a chur an lùib min-flùr ann an Alba.

Tha iad ag amas air uireasbhaidhean breith cloinne a lùghdachadh.

Tha mòran bhoireannach nach eil a' faighinn gu leòr den t-searbhag sin nuair a tha iad an dùil ri leanabh.

San Dùbhlachd thuirt rannsaichean gun robh 2,000 duilgheadas breith den leithid air a bhith air an stad, nan robh t-searbhag air a cur ann am min-flùr o chionn 18 bliadhna.

A rèir eòlaichean tha an trioblaid a' fàs nas miosa, le companaidhean bidhe a' toirt searbhaig dhuilleagaich fhuadan a-mach às a' bhiadh aca.

Tha eòlaichean air a bhith ag iarraidh air Riaghaltas Westminster an t-searbhag a chur ri min-flùr o chionn fhada, ach tha iad ag ràdh gun bheil iad fhathast a' beachdachadh air a' chùis.

Gheibhear searbhag duilleig gu nàdarra ann an glasraich dhorcha duilleagach, leithid càl, ach cuideachd ann an uighean is stuthan-bidhe eile.

Tha feum a bharrachd air an t-searbhaig nuair a tha màthair trom, is e a' cur maill air duilgheadasan eanchainn neo droma ann am pàistean, ach chan eil mòran bhoireannach trom a' faighinn gu leòr.