NHS na Gàidhealtachd gu bhith £2m thairis

  • Air fhoillseachadh
Ospadal an Ràthaig Mhòir

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gur dòcha gum bi iad còrr is £2m thairis air a' bhuidseat aca aig deireadh na bliadhna-ionmhais.

Thèid innse do bhuill a' Bhùird an ath-sheachdain gur dòcha gum ruig an t-suim £2.7m.

San aithisg ùir aige, tha Stiùiridh Ionmhais Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd, Nick Kenton, ag ràdh gun deach iad, eadar an Giblean seo chaidh agus deireadh na bliadhna, £2.3m thairis air am buidseat.

Thuirt Mgr Kenton roimhe gun robh e an dùil gum biodh na leabhraichean air an cothromachadh aig dèireadh na bliadhna-ionmhais seo.

A-nise, tha Mgr Kenton ag ràdh gur dòcha gum bi iad suas ri £2.7m os cionn am buidseat.

O chionn dà bhliadhna, thàinig air a' Bhòrd taic èiginn còrr is £2m iarraidh gus am buidseat a chothromachadh.

Chaidh fhàgail air stiùirichean an uair sin nach robh anns na gnothaichean ionmhais aca ach bùrach.