Cobhair sealadach do Mhuileann Chàrlabhaigh
- Air fhoillseachadh

Chuir cathraiche Mhuileann Chlò Chàrlabhaigh, Derek Reid, airgead a bharrachd an sàs airson a cumail fosgailte.
Chaidh innse dhan luchd-obrach gun cum seo an gnìomhachas a' dol chun a' Chèitein co-dhiù, 's iad an dòchas gun ceannaich cuideigin a' mhuileann ron uair sin.
"Am fiosrachadh as ùire a th' againn, 's e gu bheil Mgr Reid air airgead a chur dhan mhuilinn," thuirt Labhraiche luchd-obrach na muilne, Anna Dhòmhnallach.
"Agus tha i a' dol a chumail a' dol co-dhiù dhan Chèitean.
"Agus tha sinn an dòchas gun ceannaich cuideigin a' mhuileann.
"Tha i air a dhol air a' mhargaid agus tha sinn dìreach a feitheamh.
"Tha sinn fhathast ag obair gu nàdarrach a h-uile là.
"Tha luchd-obrach uabhasach math againn ann an seo, agus tha sgilean uabhasach math againn agus eòlas againn air a h-uile pìos obrach a th' ann an seo airson Clò Hearach a dhèanamh.
"Tha sin fhèin prìseil," thuirt i.