Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bàthadh

Chaidh co-dhiù 20 in-imriche a bhàthadh far chladach na Tuirce, 's iad a' feuchainn ris a' Ghrèig a ruighinn ann am bàtaichean. Thuirt na Poilis ann an eilean Farmakonisi gun d' fhuair 50 eile g tìr gu sàbhailte, an dèidh dhan bhàta aca a dhol air na creagan. Tha luchd-teasargainn fhathast a' coimhead ach a bheil an còrr beò anns an uisge.

In-Imrichean

Thàinig rabhadh bho Phrìomhaire na Frainge, Manuel Valls, gum faodadh an t-Aonadh Eòrpach tuiteam às a chèile ma dh'fheuchas e ris a h-uile in-imriche a thig chun na starsnaich aice a ghabhail a-steach. Ann an agallamh leis a' BhBC, thuirt Mgr Valls gun lagaicheadh na tha sin de dh'in-imrichean bunaitean nan coimhearsnachdan againn. Thogadh sin an uair sin ceist bhunaiteach mun Aonadh fhèin, thuirt e.

Ach aig a' cheart àm, thuirt am billionaire Bill Gates ris a' BhBC gum bu chòir dha na Stàitean Aonaichte barrachd fhògarrach a ghabhail a-steach 's eisimpleir nas fheàrr a thoirt dhan t-saoghal. Tha Mgr Gates a' ruith an urras chathranais as motha air an t-saoghal. Anns an agallamh - aig Fòram Eaconamach na Cruinne ann an Davos - thuirt e gum bu chòir do dh'Aimeireagadh eisimpleirean na Gearmailt agus na Suaine a leantainn.

Gearraidhean nan Eilean Siar

Chaidh ìmpidh a chur air Comhairle nan Eilean Siar dèanamh cinnteach nach ann air na daoine as bochda 's as laige sa choimhearsnachd a bhuaileas na gearraidhean a th' aca ri dhèanamh. Aig coinneimh phoblaich leis a'mhòr-shluagh ann an Stèornabhagh an-raoir, b' e cùram sheann daoine agus seirbheisean chloinne bu mhotha a bha a' dèanamh dragh do dhaoine. Bidh Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, a' freagairt cheistean mu na gearraidhean air Facebook a-nochd eadar 7:00f agus 8:30f.

Bradan

Chaidh 20% na bu lugha de bhradan Albannach a reic a-null thairis air a' bhliadhna mu dheireadh, a rèir fhigearan ùra a chunnaic am BBC. Thàinig iad am follais an dèidh do Mharine Harvest innse an-dè gu bheil iad a' dol a chur suas ri ceud luchd-obrach bhuapa ann an Alba. Tha e coltach gu bheil grunn chompanaidhean eile a' coimhead ri cosgaisean a ghearradh cuideachd.

Taic Dementia

Tha seirbheis taic do dhaoine le dementia anns an Eilean Sgitheanach agus ann an Loch Abair a' faighinn £1m bhon Chrannchur Nàiseanta. Bidh iad ga dhèanamh comasach do dhaoine fuireach nan dachaigh fhèin, le seirbheis cùraim is càraidh. Thàinig an t-airgead thuca tron urras Life Changes.